Cead-dealbhachaidh do loidhne-rèile Srath Pheofhair
- Air fhoillseachadh

Chuir tè de chomhairlichean sgìre Strath Pheofair fàilte air an naidheachd gun deach cead-dealbhachaidh a thoirt don phròiseict airson seann loidhne-rèile a' bhaile fhosgladh às ùr.
Tha a' bhuidheann a th' air a chùlaibh, Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair, a-nis am beachd an talamh a cheannach.
Uile gu lèir, tha dùil gun cosg a' phròiseict còrr is £2m agus, a rèir a' chomhairliche, Audrey Nic na Ceàrdaich, bidh buannachdan mòra na chois.
Tha a' Chomh. dòchasach gun tarraing an loidhne-rèile luchd-turais don sgìre, rud a bhiodh na bhuannachd do dh'iomadh gnìomhachas, leithid àiteachan-bidhe, taighean-tasgaidh agus seann togalaichean na sgìre.
Thuirt i gum faodadh trèana-smùid, coltach ri trèana a' Chaoil, mòran dhaoine a thàladh dhan sgìre.
Stèisean
Tha còrr is 60 bliadhna bho thadhail an t-einnsean mu dheireadh air seann stèisean a' bhaile.
Tha Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair ag amas air einnsean-smùide a ruith air loidhne-rèile ùr faisg air an t-seann stèisean.
Dhùin Stèisean Shrath Pheofhair do thrèanaichean sa bhliadhna 1952 agus a-nis tha bùithtean anns an t-seann togalach.
Chaidh an stèisean a thogail anns an 19mh Linn, nuair a bha Srath Pheofhair fhathast trang le daoine a' tighinn bho gach ceàrn gus na h-uisgeachan ainmeil aig an spà a ghabhail.
Ach, nuair a dh'atharraich fasanan dhaoine, chaidh an stèisean a dhùnadh.
Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair
Tha Comann Rèile-Smùide Shrath Pheofhair a-nis ag amas air pàirt den t-seann loidhne-rèile fhosgladh a-rithist agus einnsean-smùide a ruith air.
'S e an t-amas aca trèana a ruith mar iomairt dualchais airson luchd-turais agus muinntir a' bhaile.
Chan eil rathad-iarrainn ann an-diugh; tha craobhan air fàs thairis air agus tha feum air obair mhòr mus ruith trèana oirre a-rithist.
Thuirt Ms Nic na Ceàrdaich gum biodh a' phròiseict cosgail, leis gu bheil trèanaichean is rèilichean is eile a dhìth, ach tha dòchas ann gun toir e daoine bho air feadh an t-saoghail dhan sgìre.
A-nis, leis gun do shoirbhich leis a' chead-dealbhachaidh, thuirt Ms Nic na Ceàrdaich gun tòisichear air airgead a thogail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 17 An Dùbhlachd 2013