Là Mòr Chupa MhicThàmhais

Lòbhat Image copyright Neil G Paterson
Image caption B' e Lòbhat a bha a' dèanamh gàirdeachais às dèidh na Cuairte Deireannaiche ann an 2013, ach dè thachras am-bliadhna?

Bidh a' chiad chuairt dheireannach den bhliadhna aig an ìre as àirde de dh'iomain ann Disathairne is nàbaidhean Lòbhat is Gleann Urchadain a' farpais 'son Cupa MhicThàmhais.

Gu h-iongantach, choinnich an dà sgioba sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad turais an-uiridh is iad a-nise a' tighinn còmhla a-rithist 'son an dàrna turais.

B' e Lòbhat a rinn a' chùis air a' cheann thall an-uiridh air slaicean-peanais às dèidh dhan gheama crìochnachadh 1-1.

Thug sin Cupa MhicThàmhais dhaibh 'son a' chiad turais ann an 60 bliadhna is dh'fhàg e gu bheil an Gleann fhathast gun a bhuannachadh idir.

Peilear

Ged a thòisich Lòbhat an seusan a tha seo cho luath ri peilear chan eil cùisean air a bhith cho rèidh dhaibh bho chionn ghoirid.

Mar a thachair, 's e Gleann Urchadain a' chiad sgioba a rinn a' chùis orra am bliadhna, a' glèidheadh 2-1 ann an Druim na Drochaid.

Leig Lòbhat puing eile às an uair sin ann an Inbhir Aora far an deach an cumail 3-3, is iad às dèidh sin a' dol a-mach à Cupa na Camanachd 2-1 aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Chuir iad gnothaichean gu dol às ùr an t-seachdain seo chaidh ge-tà, a' glèidheadh 3-0 an aghaidh a' Ghearasdain ann an Cupa MhicAmhlaidh is coltas ann gun robh iad air ais ann an sunnd.

Dòchas

Chaidh Greig MacMhathain dheth is e air a ghoirteachadh, ach tha Lòbhat an dòchas gum bi e ceart gu leòr Disathairne.

Naidheachd mhòr a bhiodh ann an sin dhaibh, oir còmhla ri Caoimhinn Bartlett, chan eil mòran loidhnichean aghaidh cho cunnartach ann an iomain.

Tha Gleann Urachdain iad fhèin ann an sunnd is iad san treas àite san lìog agus fhathast ann an Cupa na Camanachd, a bharrachd air a' chuairt dheireannaich a tha seo.

Ged a chaill iad sa chuairt dheireannaich an-uiridh, tha eòlas gu leòr aca air geamaicheam mòra is iad air Cupa MhicAmhlaidh a bhuannachadh ann an 2012.

Nas fhaide

Bidh cuimhne aca cuideachd air mar a rinn iad a' chùis air Lòbhat san lìog, is gu fìrinneach bha cuid den bheachd gun robh an Gleann nas fhaide air thoiseach an là sin na bha 2-1 a' sealltainn.

Bidh Anndra Corrigan aca is an cluicheadair air làithean-saora a chur air dòigh gus a bhith cinnteach nach tèid a ghairm gu muir.

Gu tàmailteach do Mhìcheil Grady ge-tà, chuir esan làithean-saora air dòigh air an dearbh adhbhar mus deach an geama a ghluasad, is cha bhi e ri fhaighinn.

Air leth

Droch theansa gum bi cus eadar na sgiobaidhean Disathairne is geama air leth san amharc aig Pàirc a' Bhucht.

Mura h-eil cothrom agaibh a dhol ann, cuimhnichidh gum bi an geama beò air BBC ALBA bho 4f le ro-shealladh air An Là oidhche Haoine aig 8f is air Aithris na Maidne air BBC Radio nan Gàidheal madainn Dihaoine bho 7:30 agus air Spòrs na Seachdain bho 9 madainn Disathairne.

Tha gu leòr eile a' dol san iomain Disathairne cuideachd.

Tha Loch Abar aig an taigh an aghaidh Inbhir Aora is iad a' sìor-fhàs gann de chothroman gus an àite sa Phrìomh Lìog a chumail.

Misneachail

Tha iad air dèanamh nas fheàrr san dà gheama mu dheireadh, a' call 2-1 ri Gleann Urchadain is Bail' Ùr an t-Slèibh, is tha am manaidsear, Raibeart MacIain, ag ràdh gu bheil e misneachail gur e seo an là a gheibh an sgioba aige dà phuing.

Bidh iad mothachail gu bheil Inbhir Aora air na còig geamaichean lìge aca air falbh am-bliadhna a chall, agus gur dòcha gum bi sùil aca cuideachd air cuairt dheireannach a' Chupa Cheiltich an ath-sheachdain.

Bidh spionnadh ann an sgioba Gharry Mhic a' Phearsain ge-tà, oir dhèanadh dà phuing an seo cinnteach air an àite aca fhèin sa Phrìomh Lìog, is le 18 cluicheadar fut aca a-nise bidh farpais ann 'son àiteachan san sgioba 'son na cuairte deireannaiche.

Tha là dheth aig na Sgitheanaich Disathairne ach ionnsaichidh iad cò bhios aca sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir is Obar Dobhair a' cluich an aghaidh Bhaile a' Chaolais.

Cupa

Tha geama aig dàrna sgioba an Eilein is iadsan air falbh gu Cill Mhàillidh ann an Cupa Shrath Èireann.

Seachdain às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air Cill Mhàillidh ann an geama iongantach aig Siabost, chan eil geama idir aig Camanachd Leòdhais.

Cha bhi na Leòdhasaich nan tàmh ge-tà, is an fharpais bhliadhnail aca ann le sianair air gach taobh mar chuimhneachan air Craig Moireasdain, a bha a' cluich dha na Lèodhasaich agus a chaochail aig aois 20 ann an 2009.

Tòisichidh an fharpais aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh aig 11 sa mhadainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile