An t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhairt
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Inbhe do chruinneachadh Gàidhealach

19 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid inbhe shònraichte UNESCO a bhuileachadh air Cruinneachadh MhicGilleMhìcheil MhicBhatair, an cruinneachadh de chultar 's eachdraidh Ghàidhealach.

Tha e am measg naoi stòrasan a gheibh inbhe am-bliadhna mar fheadhainn a tha glè chudromach a thaobh dualchas na Cruinne.

Chaidh an cruinneachadh a chur ri chèile leis an Liosach Alasdair MacGilleMhìcheil anns an 19mh Linn.