Ofgem gus coimhead ri margaid an dealain

  • Air fhoillseachadh
GasTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh.

Coimheadaidh riaghladair a' chumhachd, Ofgem, ri margaid an dealain anns na h-Eileanan an Iar.

Choinnich dithis àrd-oifigearan bhon bhuidhinn mar-thà ri riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar agus Taighean Innse Gall, 's iad a' rannsachadh na buaidhe a tha bochdainn connaidh a' toirt air an sgìre.

A rèir aithisg bho Cholaiste Dhùthchail na h-Alba, tha mòran dhaoine air feadh na dùthcha a' fulang air sgàth bochdainn connaidh.

Tha iad ag ràdh gur iad na h-Eileanan Siar aon de na sgìrean as motha a tha a' fulang.

Tha cha-mhòr 60% de dhaoine nas sine na 60 bliadhna dh'aois ann an sgìrean a-muigh air an dùthaich beò ann am bochdainn connaidh; tha seo an taca ri 45% ann am bailtean mòra na h-Alba.

Anns na h-Eileanan Siar, tha an àireamh aig 76% - an àireamh as motha ann an Alba.

Cosgais

Thuirt Màiri Bremner, a bha na ball de bhòrd-stiùiridh Taighean Innse Gall, gu bheilear glè dhraghail mu na th' aig daoine ri phàigheadh airson an cuid dealain sna h-Eileanan an Iar, gu seachd àraid an fheadhainn a th' ann an taighean HHP.

"Rinn e feum mòr, mòr gun tàinig iad ann an seo, gun do choinnich iad rinn, 's gun do dh'èist iad ris na gearainean a bh' againn.

"Tha sinn ag iarraidh àireamh cosgais air leth dha na h-eileanan.

"An-dràsta, tha na h-eileanan againn cho àrd ri àite san rìoghachd air fad, 's thuirt iad nan cuireamaid sin air adhart nach cuireadh iadsan cnap-starra sam bith nar n-aghaidh airson prìs shònraichte fhaighinn airson nan eileanan air fad," thuirt i.

SSE

Thuirt a' Bh. Bremner gu bheil daoine "uabhasach fhèin dìleas do SSE air feadh na h-eileanan air fad", 's nach eilear dualtach a bhith a' coimhead gu buidhnean eile.

Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Màiri Bremner gu bheil daoine uabhasach fhèin dìleas do SSE air feadh nan eileanan air fad.

"Ach, a bheil SSE a' gabhail brath oirnn a thaobh sin?" dh'fhaighnich i.

Ged is e na h-Eileanan an Iar an t-àite as fheàrr san Roinn Eòrpa, a rèir coltais, airson cumhachd ath-nuadhachail, tha an dealan nas daoire an sin na tha e cha-mhòr an àite sam bith eile san Roinn Eòrpa.

Tha buidhnean coimhearsnachd air a bhith a' feuchainn ri dòighean fhaighinn air an dealan a tha iad fhèin a' cruthachadh a chleachdadh ach, a rèir coltais, chan eil SSE air a bhith ro chuideachail.

"Rud sam bith a dh'fheuchas tu a dhèanamh air do shon fhèin, tha mise a' faicinn gu bheil SSE a' cur cnap-starra na rathad," thuirt a' Bh. Bremner.

Thuirt oifigearan Ofgem gum beachdaicheadh iad air an sin, 's gun robh iad airson dèanamh cinnteach gu bheil a' mhargaid ag obrachadh mar bu chòir.

Tha dùil ri aithisg na buidhne ann an ùine nach bi fada.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh