Dragh mu itealain eiridinn
- Air fhoillseachadh

Chaidh dragh a thogail mun t-seirbheis heileacoptair eiridinn tron oidhche anns na h-Eileanan an Iar.
Tha ball na sgìre aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh nach robh e comasach dhan heileacoptair sgèith a Bharraigh ceithir tursan anns na sia mìosan mu dheireadh a chionn 's nach robh pìleat le cead sgèith san dorchadas ri fhaotainn.
Tha Mgr MacNèill air sgrìobhadh gun chompanaidh Bond Air Services, gu Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba agus gu Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, ag iarraidh soillearachadh air a' chùis.
Tha e ag ràdh gur dòcha nach ann air Barraigh a-mhàin a tha seo a' toirt buaidh.
"Chanainn gum biodh sin a' cur dragh air àite sam bith far nach urrainn dha na h-itealain eiridinn laighe. Ma dh'fhaodte gu bheil seo a' bualadh air eilean sam bith eile far am bi heileacoptair a' tighinn a-staigh mar itealan eiridinn dhan àite 's dha na daoine," thuirt e.
Mì-riaraichte
Thuirt BP nan Eilean Siar gu bheil e air sgrìobhadh chun na seirbheisean eiridinn airson fhaighinn a-mach carson a tha an suidheachadh seo air nochdadh sna sia mìosan a dh'fhalbh.
Thuirt e nach eil muinntir na sgìre idir riaraichte, gu sònraichte luchd-obrach slàinte an eilein, 's chan eilear airson 's gun tachair seo a-rithist.
"Cha robh seo ann roimhe; bha na heileacoptairean a' tighinn air feadh na h-oidhche ma bha feum oirre.
"Mar a tha heileacoptair eiridinn mar seo, 's e rud a tha a dhìth aig àm èiginn a th' ann, 's chan e rud a tha a dhìth nuair a thig comasan pìleat no nuair a thig solas an là.
"Dh'fheumadh, chanainn, na comasan a bhith aca mar a bha aca, 's gum faodadh iad tighinn aig àm sam bith den là ma bha an t-sìde math gu leòr," thuirt e.
Thuirt Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba gu bheil iad mothachail mun t-suidheachadh, 's gun do rinn iad glè shoilleir dha Bond gu bheil e na phrìomhachas dhaibh an suidheachadh a cheartachadh.
Anns an eadar-àm, mura bheil an itealan eiridinn aca comasach airson adhbhar air choireigin cùis èiginn a fhreagairt, thuirt iad gu bheil uallach air an MoD no air heileacoptair nam maor-chladaich dèiligeadh ris a' chùis.