Deasbadan Tbh gan ainmeachadh
- Published
Tha am BBC ann an Alba air planaichean fhoillseachadh airson an deasbaid thelebhisein as motha riamh san dùthaich a chraoladh seachdain ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba.
Tha dùil gum bi suas ri 12,000 luchd-bhòtaidh ùr an làthair san SSE Hydro ann an Glaschu, 's gun tèid cuireadh a thoirt dhan h-uile àrd-sgoil ann an Alba riochdairean a chur a dh'ionnsaigh an deasbaid.
Tha seo a' tighinn agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, air aontachadh coinneachadh ri cathraiche Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, ann an deasbad telebhisein eile.
Ceasnachadh
Thèid deasbad a' BhBC a chraoladh air BBC1 air feadh na RA, air an 11mh là den t-Sultain.
Thathar an dùil gum bi suas ri 12,000 deugaire aois 16 agus 17 bliadhna de dh'aois, a bhios a bhòtadh airson a' chiad uair a-riamh, an làthair airson luchd-poileataigs a cheasnachadh.
Tha seo mar phàirt de shreath phrògraman a tha am BBC air ullachadh mu choinneimh an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba, às dèidh dhaibh £5m a bharrachd fhaotainn airson an leithid de phrògraman a dheasachadh.
Putadh
Ron a sin, air an 5mh là den Lùnastal, tha an craoladair STV an dùil deasbad telebhisein a chumail eadar am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus ceannard Nas Fheàrr Còmhla, Alistair Darling, ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu.
Thuirt fear-labhairt a' Phrìomh Mhinisteir gun cumadh iad orra a' putadh airson Daibhidh Camshron a thoirt a dheasbad cuide ri Ailig Salmond, ach gun deadh e an sàs ann an deasbad le Alistair Darling an dèidh Gheamannan a' Cho-fhlaitheis.
Thuirt Blair MacDhùghaill, stiùiriche na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gur e adhartas a tha seo agus gu bheil muinntir na h-Alba airidh air deasbad Tbh fhaicinn eadar ceannardan nam prìomh bhuidhnean iomairt.
Thuirt am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, roimhe gur ann "eadar muinntir na h-Alba" a bu chòir an deasbad a bhith.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 28 Am Faoilleach 2014