Lòbhat 5 Gleann Urchadain 1

  • Air fhoillseachadh
Stìubhart Dòmhnallach.
Fo-thiotal an deilbh,
Sgiobair Lòbhait, Stiùbhart Dòmhnallach, le Cupa MhicThàmhais.

Chaidh Cupa MhicThàmhais air ais a Chill Targhlain airson an dàrna bliadhna ann an sreath is Lòbhat air Gleann Urchadain a phronnadh 5-1 sa chuairt dheireannaich.

Chaidh Lòbhat air thoiseach tràth sa gheama, Greig MacMhathain a' goid a' bhuill à Eddie Tembo is a' ruith astar gun duine air dragh a chur air mus do shlaic e peilear seachad air Stiùbhart Mac an Tòisich.

Chaill Lòbhat MacMhathain goirid às dèidh sin is gu leòr den bheachd gun robh còir aige slaic-peanais fhaighinn, leis mar a leag Friseal Heath e mu choinneimh an tadhail.

Fiù 's gun MacMhathain, cha b' fhada gus an tàinig tadhal eile do Lòbhat agus an turas seo b' e Caoimhinn Bartlett a bha air an targaid is e a' sguabadh a' bhuill dhan lìon às dèidh do Mhac an Tòisich stad a chur air oidhirp eile.

Bha an gnothach an ìre mhath seachad an uair sin ro leathach slighe, le Graeme Mac a' Mhaoilein a' cur Lòbhat air thoiseach 3-0.

Slaic

Bha iad fortanach ge-tà nach do chaill iad duine tràth san dàrna leth, le gu leòr a bha an làthair den bheachd gur e cairt dhearg seach buidhe a bha còir a dhol air Calum Crudden 'son slaic cunnartach a bhuail ceann Dhàibhidh Smart.

Dh'fhuirich Crudden air a' phàirc is rinn an sgioba aige cinnteach air a' chupa le Lorne MacAoidh a' fàgail a' ghnothaich aig 4-0 às dèidh 63 mionaidean.

Fhuair an Gleann tadhal air ais à Lewis MacIllFhinnein anmoch sa gheama ach b' ann aig Lòbhat a bha am facal mu dheireadh - MacAoidh air an targaid a-rithist ann an ùine a bharrachd gus an geama a chrìochnachadh aig 5-1.

Fìor dheagh là aig Lòbhat is iad làidir air feadh na sgioba.

Tha Cupa MhicThàmhais aca a-rithist, agus cothrom fhathast a' Phrìomh Lìog agus Cupa MhicAmlaidh a chur ris.

Aithreachas

Bidh aithreachas air a' Ghleann air là air nach do ràinig iad idir an ìre as àirde aca.

Bidh sùil aca a-nise air Cupa na Camanachd is Inbhir Aora aca sa chairteal chuairt dheireannaich ann an cola-deug.

Na bu tràithe air an là bha Bail' Ùr an t-Slèibh air Cupa MhicThàmhais aig ìre Juvenile a bhuannachadh 3-1 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Bha soirbheachas a bharrachd aig Bun-sgoil Phort Rìgh a rinn a' chùis 2-1 air Caol Bhòid gus Duais Tulloch a thogail.

Thàinig an deagh naidheachd a bharrachd dha na Sgitheanaich Didòmhnaich nuair a rinn boireannaich an eilein a' chùis 2-1 air Gleann Garradh gus àite fhaighinn sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil, Cupa Camanachd nam Ban.

Là mòr

Thàinig na tadhail bho Chaitlin NicIlleathain is Anna Dhòmhnallach is là mor aig na Sgitheanaich a-nise an aghaidh Ghlascu Meadhan Earra-Ghàidheal ann an Srath Chura san t-Sultain.

Sa Phrìomh Lìog Disathairne, chrìochnaich Inbhir Aora co-ionann 2-2 ri Loch Abar, puing a tha an ìre mhath a' cur dìon air àite Inbhir Aora sa Phrìomh Lìog agus a' fàgail Loch Abair fhathast ann an staing aig a' bhonn.

Bha deagh naidheachd aig Inbhir Aora cuideachd le Garry Mac a' Phearsain, a bhris a làimh bho chionn dà mhìos, a' tilleadh dhan dàrna sgioba le tadhal an aghaidh Tatha For.

Bidh cothrom a-nise aig Mac a' Phearsain cluich sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach Disathairne seo tighinn.

Bha dèagh là aig an sgioba a bhios nan aghaidh sa gheama sin, Caol Bhòid, is iad troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh is iad air buannachadh 3-0 an aghaidh GMA.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh