Ionad ùr san amharc an Griomasaigh

An seann Eaglais Shaor an Griomasaigh Image copyright Peter Knudssen / Geograph
Image caption Chaidh an togalach a dhèanamh na thaigh ann an 2010.

Tha dòchas ann an Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath air seann eaglais san eilean a leasachadh mar ionad coimhearsnachd.

'S ann leis an Eaglais Shaor a bha an togalach ann an Scoitbheinn bho thùs, ach chaidh a reic is a leasachadh mar thaigh ann an 2010.

Tha e a-nise air a' mhargaidh às ùr is Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh airson a cheannach agus ionad a thogail ann dha na daoine, car coltach ri na h-ionadan coimhearsnachd ann an Solas an Uibhist a Tuath agus Cearsiadar an Leòdhas.

Tagradh

Dhearbh a' bhuidheann gu bheil iad air tagradh a dhèanamh gu Stòras an Fhearainn gus maoineachadh fhaighinn airson an togalach a cheannach, ged a bhiodh an còrr a dhìth orra airson a leasachadh.

Tha iad an dòchas, ma thèid leotha, àite-bidhe a chur air doigh san togalach, còmhla ri margaidh gus stuth às an àite a reic, talla, oifisean do ghnìomhachasan agus Oifis Puist.

Tha Comann Coimhearsnachd Ghriomasaigh ag ràdh gu bheil taic mhòr sa choimhearsnachd airson a' phlana, 's tha dùil aca rannsachadh air a' ghnothach fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Dh'iarr iad cead-dealbhachaidh bho Chomhairle nan Eilean Siar mar-thà.

Leis gu bheil an togalach air a' mhargaidh fhosgailte ge-tà, tha iad mothachail gum faodadh am plana aca a dhol an dàrna taobh ma 's e 's gun tig tairgse nas àirde bho chuideigin eile.