Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

23 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Irac

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Iain Kerry, ann am Baghdad, prìomh bhaile Irac, agus reubaltaich Sunni a' sìor a ghabhail smachd air ceann an iar thuath na dùthcha. Rinn na reubaltaich, leis a' bhuidheann ISIS air an ceann, grèim an-dè air a' phort-adhair ann am baile Tal Afar ann an ceann a tuath na dùthcha. Thuirt Rùnaire Cèin na Rìoghachd Aonaichte, Uilleam Hague, an-diugh gu bheil esan ag aontachadh ri Mgr Kerry gum feum iad fhathast feuchainn ri fuasgladh poilitigeach fhaighinn do shuidheachadh Irac.

An Èipheit

Chuir cùirt anns an Èipheit binn seachd bliadhna an urra sa phrìosan air triùir de luchd-naidheachd bhon bhuidhinn chraolaidh, Al-Jazeera. Chaidh Peadar Greste - a bha ag obair dhan BhBC aig aon àm - agus a dhithis cho-obraiche, a chur an grèim an-uiridh fo chasaid gun robh iad a' craoladh bhreugan agus ag obair còmhla ris a' Bhràithreachas Mhuslamach

Heileacoptair

Tha ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, a' togail dragh mun t-seirbheis heileacoptair eiridinn air an oidhche anns na h-Eileanan an Iar. Thuirt esan gun do dh'fhailnich e ceithir tursan anns na sia mìosan mu dheireadh air an heileacoptair a dhol a Bharraigh leis nach robh pìleat ann le cead siubhal anns an dorchadas. Tha Mgr MacNìll air sgrìobhadh dhan chompanaidh Bond, gu Seirbheis Eiridinn na h-Alba agus Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, ag iarraidh soilleirachadh air a' chùis. Thuirt Seirbheis Charbad Eiridinn na h-Alba an-diugh gu bheil fhios aca mun t-suidheachadh agus gun do rinn iad soilleir do Bhond gum feum iad a chur ceart cho luath sa ghabhas. Thuirt iad cuideachd mar a h-urrain dhan heileacoptair acasan siubhal air adhbhar sam bith gun tèid heileacoptair MOD neo heileacoptair nam maor-cladaich a chur a feum.

Tubaist

Tha poilis ann an Siorrachd Obar Dheathain ag iarraidh fianaisean air neo fiosrachadh do thubaist-rathaid an-dè anns an deach dithis a mharbhadh agus dithis am fìor dhroch leòn. Thachair an tubaist nuair a bhuail càr ann an craobh air rathad an A920 eadar Colpy is Oldmeldrum

Sagart

Tha dùil ri breith diùraidh san Àrd-Chùirt ann an Obar Dheathain an-diugh ann an cùis-lagh an aghaidh sagart às Uibhist a Deas. Tha Mgr Iain Aonghas Dòmhnallach, a tha 69, fo chasaid gun do dh'èignich e nighean òg agus gun tug e ionnsaighean drabasda air balach sgoile, fhad 's a bha e fhèin na dheugaire ann an Uibhist. Tha esan a' dol às àicheadh.