Gàidhlig nan Caoidheach

  • Air fhoillseachadh
Dùthaich MhicAoidhTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
'S e glè bheag an-diugh a bhruidhneas Gàidhlig nan Caoidheach.

Chaidh leabhar ùr fhoillseachadh de bhriathrachas Gàidhlig Dhùthaich MhicAoidh.

'S e glè bheag de dhaoine a bhruidhneas an dualchainnt sin an-diugh, ach 's i a bh' aig fear de na bàird as iomraitiche a bha riamh ag obair sa chànan - Rob Donn MacAoidh (1714 - 1778) - agus a tha cuid de dh'eòlaichean a' meas nas comasaiche na Burns.

Chaidh an leabhar fhoillseachadh leis an Dr. Seumas Grannd, a chuir seachad ùine a' clàradh agus a' rannsachadh na dualchainnt am measg an luchd-bruidhinn mu dheireadh.

"Bha mi airson an dualchainnt a chlàradh airson na ginealaich a tha ri teachd," thuirt an Dr. Grannd.

Na Ruagaidhean

"Agus le bhith a' dèanamh sin bha mi an dùil 's an dòchas gun d' rachadh agam air an dualchainnt a chumail beò, gu ìre air choireigin.

"Gun d' rachadh aig daoine a bha ag iarraidh sin a dhèanamh, an dualchainnt ionnsachadh às an leabhar agus a cumail beò nan cainnt làitheil.

"Chan eil mòran air fhàgail an-diugh gu mì-fhortanach a bhruidhneas an dualchainnt sin.

"Bha e uabhasach cudromach an obair sin a dhèanamh airson dìreach clàr ceart a dhèanamh dhen dualchainnt airson a h-uile duine a tha ri teachd," thuirt e.

Tha an Dr. Grannd a' coireachadh nan adhbharan àbhaisteach airson crìonadh na dualchainnt, agus gu seachd àraid cho dona 's a bha na h-adhbharan sin ann an Dùthaich MhicAoidh.

"Tha mi a' creids' gun robh buaidh mhòr aig na fuadaichean air staid na cànain an seo - no na ruagaidhean a chanadh iad an seo an àite fuadaichean.

"Gun robh buaidh mhòr aige sin air a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, 's gun do chaill tòrr dhaoine am misneachd a thaobh dualchais agus cànain.

"Fìor dhroch bhuaidh aig na sgoiltean air a' Ghàidhlig san sgìre.

"Na daoine ris an do bhruidhinn mise, cha d' fhuair iad cothrom Gàidhlig ionnsachadh san sgoil, agus a' mhòr-chuid aca bha a' Ghàidhlig air a toirmeasg dhaibh anns an sgoil. Cha robh cead aca Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-staigh na sgoile.

"Agus às dèidh bhliadhnaichean mar sin, mar as trice às dèidh dhaibh tighinn a-mach às an sgoil, a' mhòr-chuid aca cha b' urrainn dhaibh a' Ghàidhlig a bhruidhinn tuilleadh.

Amaideachd

"Bha iad fhathast comasach air a' Ghàidhlig a thuigsinn, ach cha robh iad comasach air a' Ghàidhlig a bhruidhinn. Bhiodh iad a' dol dhachaigh bhon sgoil, agus a' bruidhinn Beurla ris na pàrantan aca.

"Ged a chumadh iadsan orra a' bruidhinn Gàidhlig, chumadh a' chlann orra a' bruidhinn Beurla.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An Dr. Seumas Grannd.

"Rinn cuid de na pàrantan oidhirp mhòr airson a' Ghàidhlig a chumail a' dol.

"Tha cuimhne agam boireannach a bhith ag innse dhomh nuair a thigeadh i dhachaigh às an sgoil a' bruidhinn Beurla gun canadh a h-athair rithe "na bidh a' bruidhinn amaideachd san taigh seo!"

Tha Gàidhlig nan Caoidheach caran eadar-dhealaichte seach a' Ghàidhlig a tha cumanta an-diugh, ged a tha e furasta gu leòr còmhradh a chumail eadar na dhà.

"Leithid de rud ri "strianach" 's e sin a chanas iad an àite broc, agus nuair a bhios tu a' dol dhan leabaidh air an oidhche bidh iad ag ràdh "cadal an strianaich dhut" (gun caidil thu gu math).

"An àite bàta 's e "culaidh" mar a bu trice a chanadh iad. An àite crùbag 's e "rudhag". An àite ùrlar, no làr "iùrlar".

"An àite nighean no caileag "irinneag". An àite ciamar a tha thu? "cionnas a tha thu?" 'S e sin a chanas iad gu nàdarrach anns an dualchainnt an seo.

"Agus far an canadh daoine "tha an t-uisge ann" chanadh iadsan "tha e a' bùrn", thuirt e.

Chuir an Dr. Grannd obair mhòr a-steach air an obair rannsachaidh a rinn e.

"Chaidh mi uile-thimcheall Dhùthaich MhicAoidh a' bruidhinn ris na seann daoine agus gan clàradh.

Cogadh nam Boer

"Thug mi tòrr ùine còmhla ri aon seann duine air Taobh Mheanlais fhèin, fear air an robh Ailig Seòras MacAoidh.

"Duine eagalach eagalach fiosrach, chan ann dìreach mu dheidhinn na dualchainnt, ach mu dheidhinn eachdraidh na sgìre, agus mu dheidhinn sloinntearachd na sgìre, och dìreach a h-uile rud.

"Nàdar de encyclopedia beò a bh' ann a thaobh Dùthaich MhicAoidh," thuirt e.

Mar a bhiodh dùil, an lùib an rannsachaidh, fhuair an Dr. Grannd na h-uimhir de sgeulachdan bho na daoine ris an robh e a' bruidhinn.

"Bha na saighdearan Gàidhealach a bha seo, bha iad thall ann an Cogadh Afraga - Cogadh nam Boer.

"Bha blàr air a bhith ann, agus bha iad air grunn shaighdearan Boer a chur an grèim, agus 's e là uabhasach teth a bh' ann.

"Thuirt fear de na saighdearan Gàidhealach ri càch "O nach i a tha teth an-diugh!"

"Agus le sin, thòisich fear de na saighdearan Boer a' bruidhinn air ais, agus e ag ràdh "Saoil a bheil e a cheart cho teth ann an Srath Nabhair an-diugh?"

"Agus 's e fear a bha an teaghlach aige air fhuadach, air a ruaigeadh a-mach à Srath Nabhair, agus chaidh iad uile a dh'Afraga a Deas.

"Agus air tàilleabh 's na thachair dhaibh, roghnaich esan sabaid às leth nam Boers, an àite Bhreatainn," thuirt e.