Tuilleadh deasbaid mu chosgaisean neo-eisimeileachd
- Air fhoillseachadh

Chosgadh e mu £200m sa chiad dol-a-mach stàit neo-eisimeileach a stèidheachadh ann an Alba.
Tha sin a rèir aithisg a rinn an t-Oll. Pàdraig Dunleavy dhan Sunday Post.
Tha seo, mar a bhiodh dùil, a' toirt spionnadh às ùr dhan deasbad mu chosgaisean neo-eisimeileachd.
Thuirt fear-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear gun do dh'fhàg argamaidean na h-iomairt Bu Chòir Alba nach eil creideas aig an fhigear de £2.7bn aig Roinn Ionmhais na RA.
Thuirt labhraiche bho Roinn Ionmhais na RA gun robh Riaghaltas na h-Alba "a' diùltadh an fhìrinn innse" mu chosgaisean neo-eisimeileachd.
Eadar-amail
Thuirt an t-Oll. Dunleavy, bho Sgoil Eaconamais Lunnainn, gum biodh aig Alba neo-eisimeileach ri eadar £150m agus £200m a chosg air structairean rianachail ùra a dheadh an àite nam buidhnean a th' ann an-dràsta, 's a bhuinneas don RA.
Ged a b' urrainn do dh'Alba neo-eisimeileach buidhnean na RA a cho-roinn san eadar-ama, dh'fheumadh i a siostaman fhèin a chruthchadh ro 2021, agus na ceudan mhìltean a chosg gus sin a dhèanamh, thuirt e.
Cuideachd, nam biodh Riaghaltas na RA duilich dèiligeadh riutha ann an còmhraidhean às dèidh bhòt airson neo-eisimeileachd, thuirt e gum faodadh seo cur ris na cosgaisean gu mòr.
'S iad prìomh phuingean a' phàipeir:
- Cosgaisean suas ri £200m sa chiad dol a-mach gus dreachan ùra de bhuidhnean na RA a chruthachadh
- Dheadh am figear iomlan suas nam biodh ministearan na RA duilich dèiligeadh riutha ann an còmhraidhean an dèidh bhòt "Bu Chòir"
- Dh'fhaodadh cosgaisean a bhith "offset" leis gu bheil "riaghaltas nas lugha" an Alba, 's i a' cosg nas lugha de dh'aigead air gnothaichean leithid dìon
- Bu chòir coimhead air na ciad chosgaisean mar sheilbheachd a nì sàbhalaidhean ann an cosgaisean san àm ri teachd.
- Tha comas obrachaidh Alba neo-eisimeileach san ùine-fhada "àrd san fharsaingeachd"
Thàinig an aithisg as ùire bhon Oll. Dunleavy 's e air a ràdh roimhe cho "amaideach" 's a bha am figear de £2.7m a thug Roinn Ionmhais na RA bho a chuid rannsachaidh.
Leagail gu làr
Thuirt fear-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear gu bheil lorgaidhean an Oll. Dunleavy "gur tur a' fìreanachadh" seasamh Riaghaltas na h-Alba.
Thuirt e: "Chaidh am figear a bh' acasan - £2.7bh - a "spreadhadh" leis an Oll. Dunleavy.
"Chaidh a thoirt am follais gu bheil tuairmse Roinn an Ionmhais gu tur fuadain, agus tha sinn a-nis ag iarraidh gun tarraing iad air ais am beachdan anns a' bhad.
"Tha argamaidean "Cha Bu Chòir" air a bhith air an leagail gu làr, agus tha sinn a-nis ag iarraidh gun tarraing Roinn an Ionmhais agus iomairt Nas Fheàrr Còmhla air ais am beachdan."
Innse na fìrinn
Ach, thuirt labhraiche airson Roinn an Ionmhais gun robh Riaghaltas na h-Alba "a' diùltadh an fhìrinn innse" mu chosgaisean neo-eisimeileachd.
Thuirt iad: "Tha an t-Oll. Dunleavy a' gabhail ris gur dòcha gum bi thairis air billean not de chosgaisean a bharrachd air Alba aig àm aig a bheil eaconamaidh agus suidheachaidhean ionmhais na dùthcha a' dol am feabhas.
"A thuilleadh air an sin, tha tuairmsean neo-eisimeileach air sealltainn gu bheil e a' cosg £750m gus siostam cìse ùr a stèidheachadh ann an New Zealand, agus tha rannsachadh bho Roinn na h-Obrach 's nam Peinseanan air a ràdh gun cosgadh siostam ùr Teicneòlais Fhiosrachaidh airson sochairean agus peinseanan a-mhàin eadar £300m agus £400m.
Thuirt iad cuideachd: "Tha Riaghaltas na h-Alba a' diùltadh an fhìrinn innse mu am figear fhèin mu chosgaisean neo-eisimeileachd agus 's e Riaghaltas na RA a-mhàin a tha a' toirt seachad fìrinn na cùise."