Àrd-Eaglais a' sireadh mhinisteir

Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Tha an eaglais air a bhith gun mhinistear stèidhichte bho dh'fhàg an t-Urramach Uilleam MacIlleDhuibh ann an 2010.

Tha Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba air cead a thoirt do dh'Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh ministear ùr a ghairm.

Tha an eaglais air a bhith gun mhinistear stèidhichte bho leig an t-Urramach Uilleam MacIlleDhuibh dheth a dhreuchd ann an 2010.

Bha an eaglais an lùib chonnspaid bho chionn ghoirid nuair a dh'fhàg cuibhreann mhòr den choithional is iad mì-thoilichte le seasamh na h-eaglaise air ministearan gèidh.

Ghluais na daoine dhan Eaglais Shaoir air a' cheann thall, ged a tha iad air fuireach nan coithional fa-leth seach a dhol còmhla ris a' choithional a bh' aig an Eaglais Shaoir mar-thà ann an Steòrnabhagh.

Cead

Chuir an fheadhainn a dh'fhuirich ann an Eaglais na h-Alba fios an uair sin air Clèir Leòdhais a dh'iarraidh cead ministear ùr a ghairm, is an cead a bh' aca air tighinn gu ceann.

"Seo an freagairt dha na h-ùrnaighean againn agus tha sinn taingeil do Dhia agus dha na caraidean againn sa Chlèir airson an cothrom seo a thoirt dhuinn," thuirt Iain Coineagan, Clarc an t-Seisein san Àrd-Eaglais.

"Bidh sinn a-nise a' sireadh, le taic Dhè, duine a thaghas E gu bhith na mhinistear air Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile