A bheil mise a' faighinn bhòt?

Ionad bhòtaidh

Air an 18mh là den t-Sultain, thèid faighneachd do dhaoine ann an Alba a tha clàraichte airson bhòtadh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

An dèidh bliadhnaichean de dheasbad, bidh e an urra ri co-dhiù an cuir an luchd-bhòtaidh crois ri "Bu Chòir" no "Cha Bu Chòir".

Ach dè a thachras ma bhios tu air saor-làithean, a' tionndadh 16, no nad oileanach ann an Alba air là an referendum?

Am faigh thu bhòt anns an referendum?

Tha mi gu bhith 16 air an 18mh là den t-Sultain, am faigh mi bhòt?

Airson a' chiad turas ann an Alba, bidh daoine òga aois 16 agus 17 bliadhna de dh'aois ceadaichte bhòtadh san referendum.

Cho fad 's a rugadh tu air an 18mh là den t-Sultain 1998 no roimhe, agus gu bheil thu a' fuireach ann an Alba, faodaidh tu do bheachd a thoirt air àm ri teachd na h-Alba.

Do dhuine sam bith a tha gu bhith 16 air an 19mh là den t-Sultain, feumaidh sibh fuireach greiseag eile airson bhòtadh airson a' chiad uair.

Tha mi a' gluasad a dh'Alba a dh'aithghearr, am faigh mi bhòt?

Image copyright PA

Gheibh, cho fad 's a tha na h-iuchraichean agaibh ron 2na là den t-Sultain.

'S e sin an ceann-là airson clàradh airson na bhòt agus, ma tha thu air gluasad ron uair sin, faodaidh tu clàradh gus do bheachd a thoirt san referendum.

Thathas a' tuigsinn gu bheil thu 16, no nas sine, agus gu bheil thu a' coileanadh na feumalachdan a leanas.

Tha mi a' fuireach ann an Alba ach tha mi gu bhith air saor-làithean air an 18mh là den t-Sultain, am faigh mi bhòt?

Dh'fhaodadh gu tèid daoine air saor-làithean san t-Sultain.

Ma tha dùil agad sin a dhèanamh, na gabh dragh, bidh e fhathast comasach dhut bhòtadh. Tha dà roghainn agad:

  1. Faodaidh tu foirm-iarrtais a lìonadh mus fhalbh thu airson bhòtadh tron phost.
  2. No, faodaidh tu bhòtadh tro neach-ionaid.

Tha mo chùrsa fo-cheum ann an Alba a' tòiseachadh san t-Sultain, am faigh mi bhòt?

Image copyright PA

Tha a' mhòr-chuid de chùrsaichean fo-cheum ann an oilthighean na h-Alba a' tòiseachadh no ag ath-thòiseachadh letheach slighe no aig deireadh an t-Sultain agus, mar sin, dh'fhaodadh gun caill cuid de dh'oileanaich an ceann-là airson clàradh - an 2na là den t-Sultain.

Ma 's ann an Alba a tha thu a' fuireach taobh a-muigh àm teirm, bu chòir dhut clàradh an sin gus am bi cothrom le cinnt agad bhòtadh air là an referendum, fiù 's ged a bhòtadh tu tron phost no tro neach-ionaid.

Ma tha thu a' fuireach taobh a-muigh Alba, feumaidh tu bhith air gluasad gu d' àite-fuirich ann an Alba ron 2na là den t-Sultain ma tha thu airson bhòtadh.

Tha mi air a bhith a' fuireach an Alba fad mo bheatha, am feum mi clàradh airson bhòtadh?

Feumaidh!

Ged a bhiodh tu dìreach air gluasad a dh'Alba, no fiù 's ged a rugadh tu ann o chionn 60 bliadhna, feumaidh a h-uile duine a bhith clàraichte airson bhòtadh san referendum.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a' clàradh airson bhòtadh bho Choimisean an Taghaidh. Fiù 's ma tha thu den bheachd gu bheil thu clàraichte, tha e nas fheàrr a bhith cinnteach.

Ge bith dè an suidheachadh anns a bheil thu, ma tha the ceadaichte bhòtadh, dèan cinnteach nach caill thu an cothrom air air aon de na co-dhùnaidhean as motha ann an eachdraidh na h-Alba.