Bòrd Slàinte gun cho-dhùnadh air ospadal

Uidheam dhotair Image copyright SPL
Image caption Tha cothrom aig an t-sluagh an-dràsta am beachd air a' ghnothach a chur dhan Bhòrd Shlàinte.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad airson leigeil fhaicinn nach eil iad air co-dhùnadh deireannach a dhèanamh fhathast air càite am bi ospadal ùr san Eilean Sgitheanach.

Sa Ghiblean, chuir am Bòrd taic ri moladh gum bu chòir an ospadal ùr a bhios a' frithealadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus iar-dheas Rois a stèidheachadh san Ath Leathann.

Thathas a' moladh cuideachd ionad-slàinte nas lugha, anns nach bi leapannan ospadail, a stèidheachadh ann am Port Rìgh.

Thòisich co-chomhairle air a' ghnothach air an 19mh den Chèitean is mairidh e chun an 19mh den Lùnastal.

Mì-chinnt

A-nise, tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil iad mothachail gu bheil na h-uimhir de mhì-chinnt ann mun t-suidheachadh.

"Tha mi air a dhèanamh follaiseach grunn thursan nach deach co-dhùnadh a dhèanamh an ospadal a stèidheachadh san Ath-Leathann, agus tha e follaiseach bho na beachdan a tha sinne a' faighinn sa cho-chomhairle gum feum mi sin a ràdh a-rithist," thuirt Gill NicBhiocair bho NHS na Gàidhealtachd.

"Bidh na beachdan a thig bhon cho-chomhairle fìor chudromach a thaobh dè an co-dhùnadh deireannach a bhios ann, is tha mi an dòchas nach eil daoine a' seachnadh na co-chomhairle air sgàth is gu bheil iad den bheachd gun deach co-dhùnadh a dhèanamh mar thà.

"Aig deireadh na co-chomhairle, thèid sinn tron fhiosrachadh air fad a tha air tighinn a-steach is às dèidh dhuinn meòrachadh air, thèid moladh air beulaibh a' Bhùird.

"Cuiridh am Bòrd an uair sin am moladh air adhart gu Rùnaire na Slàinte," thuirt i.

Coinneamhan

Tha trì coinneamhan eile ann mar phàirt den cho-chomhairle air na làithean a leanas;

25mh den Òg-Mhìos ann an Taigh-Òsta an Ath Leathainn aig 7:00f.

8mh den Iuchar ann an Talla Loch Carrann aig 7:30f.

24mh den Iuchar ann an Tigh na Sgìre am Port Rìgh aig 7:00f.

Bidh cuideachd seiseanan fiosrachaidh fo stiùir an Dr Pòl Davidson ann an ionadan meidigeach na sgìre eadar an 30mh den Òg-Mhìos is an 4mh den Iuchar. Gheibhear fiosrachadh air sin air làrach a' Bhùird.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile