Ministear ùr an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
CàrlabhaghTùs an deilbh, Geograph / M J Richardson
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhalbh an t-Urr. Kenny MacLeòid gu Dowanvale ann an Glaschu o chionn dà bhliadhna.

Tha coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Càrlabhagh an Leòdhas a' faighinn mhinisteir ùir.

Ghabh an t-Urr. Tòmas Davis ri gairm bhuapa.

Tha Mgr Davis air ùr-thighinn a-mach na mhinistear bho Cholaiste Diadhachd Dhùn Èideann.

Ged is ann an Obar Dheathain a rugadh Mgr Davis, ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e na leanabh 's chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh.

Tha Càrlabhagh air a bhith às aonais mhinisteir bho ghluais an t-Urr. Kenny MacLeòid gu Dowanvale an Glaschu bho chionn dà bhliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh