Caol Bhòid is Inbhir Aora a' strì às ùr

Inbhir Aora is Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Caol Bhòid is Inbhir Aora an turas mu dheireadh a bha a' chuairt dheireannach sa bhaile mhòr ann an 2010.

Tillidh a' chuairt dheireannach de Chupa Chomann Cheilteach Ghlaschu dhan bhaile fhèin Disathairne 'son a' chiad turais bho 2010 is dà sgioba a tha fìor eòlach air an fharpais agus air càch a chèile gus strì 'son na duaise.

B' e 2005 - nuair a bhuannaich Camanachd an Òbain - a' bhliadhna mu dheireadh nach deach an cupa gu Caol Bhòid air neo Inbhir Aora.

Chaidh a' chuairt dheireannach eadar na sgiobaidhean an-uiridh gu slaicean-peanais le Caol Bhòid a' soirbheachadh.

Gu h-iongantach, seo a-nise an naoidheamh farpais chupa ann an sreath anns am bi iad air coinneachadh, is ged a bha Inbhir Aora air thoiseach bho thùs, tha làmh an uachdair air gluasad gu balaich Thaigh na Bruaich.

Chan eil iad air call ri Inbhir Aora ann an cupa bho rinn iad a' chùis 6-5 sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 2012.

Chan eil na geamaichean am-bliadhna a' toirt mòran de thomhas air na thachras ri Caol Bhòid air droinneadh a thoirt air Inbhir Aora 5-1 ann an Cupa MhicAmhlaidh, is Inbhir Aora an uair sin air dìoghaltas fhaighinn 4-1 sa Phrìomh Lìog an ath-sheachdain.

Droinneadh

Tha e coltach gun do chuir an droinneadh sin sa chupa beagan de spionnadh ann an Inbhir Aora oir tha iad air dìreach aona gheama a chall bhon uair sin is iad air èirigh bho bhonn na lìge dhan mheadhan.

Tha leithid Dùbhghlas Dando, Dàibhidh Mac a' Phearsain is Grant Griffin air tilleadh dhan bhuidhinn às dèidh dhaibh a bhith air an goirteachadh.

Thàinig an deagh naidheachd a bharrachd Disathairne is am manaidsear, Garry Mac a' Phearsain, a bhrist a làmh an aghaidh Chaoil Bhòid ann an Cupa MhicAmhlaidh, a' tilleadh dhan dàrna sgioba le tadhal. Tha sin a' fàgail gu bheil Mac a' Phearsain air ais sa sguad son a' gheama Disathairne.

Tha Caol Bhòid iad fhèin ann an sunnd às dèidh toiseach-tòiseachaidh rudeigin slaodach dhan t-seusan.

Ged a tha iad fhathast car ìosal san lìog, chan eil iad air call idir anns na cupanan is iad air Bail' Ùr an t-Slèibh a chur a-mach à Cupa na Camanachd.

A bharrachd air sin air fad, tha iad san iar-chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh cuideachd.

Seòid

Tha na seòid air fad aca fut a-rithist cuideachd is Ruairidh Dòmhnallach ann an sunnd is dà thadhal aige Disathairne an aghaidh GMA is Grant Irvine cuideachd air an targaid.

Tha sgioba Thaigh na Bruaich cuideachd air an neartachadh am bliadhna le feadhainn air tighinn a-steach às Eilean Bhòid, is coltas glè làidir air an sguad.

Tha an dà mhanaidsear ag ràdh gu bheil dùil aca ri geama faisg is gur ann aig an sgioba a ghabhas na cothroman a bhios làmh an uachdair.

Tòisichidh an geama aig 4:05f is mura h-eil cothrom agaibh a dhol gu Old Anniesland, cuimhnichibh gum bi an geama beò air BBC ALBA.

Sa Phrìomh Lìog Disathairne thèid Gleann Urchadain gu Bail' Ùr an t-Slèibh is iad ag amas air faighinn seachad air a' mhaslachadh a bha sin an aghaidh Lòbhait ann an Cupa MhicThàmhais.

Bidh Lòbhat fhèin ann an sunnd is iad an aghaidh Loch Abair aig an taigh is sgioba Raibeart MhicIain ann am bùrach mòr a-nise aig a' bhonn.

Sa gheama eile cuiridh Ceann Loch Seile fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich is fios aca gun dèanadh dà phuing feum mòr dhaibhsan san oidhirp gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tiotal

Ann an Lìog Tuath 1, faodaidh na Sgitheanaich ceum eile a ghabhail a dh'ionnsaigh an tiotail le buaidh an aghaidh Shrath Ghlais.

Tha geama doirbh ro Chamanachd Leòdhais is iad a' tilleadh gu Cill Tharghlain 'son cluich an aghaidh Lòbhait ann an Plèit Shrath Èireann.

Chaill na Leòdhasaich 7-1 an seo na bu thràithe air an t-seusan ann an Cupa an t-Sutharlannaich ach tha iad a' dèanamh glè mhath san lìog bho chionn ghoirid is bidh iad an dòchas dùbhlan nas fheàrr a thoirt gu Lòbhat an turas seo.

Bidh Scott Moireach is Innes MacLaomainn air ais 'son nan Leòdhasach ach bidh iad às aonais Peter Gomez a tha air falbh gu Cupa na Cruinne ann am Brasil.

Fhad 's a tha esan a' coimhead a' bhuill-choise sa ghrèin bidh leth-shùil aig na Lèodhasaich air na tha a' dol san dà gheama ann an Lìog Tuath 3 Disathairne is iad ag amas air àite sa phrìomh thrì nuair a thèid an lìog a sgaradh.