Leasachadh aig Norbord
- Published
image copyrightStanley Howe / Geograph
Thug Comhairle na Gaidhealtachd cead dhan chompanaidh Norbord airson leudachadh agus leasachadh mòr a thoirt air an fhactaraidh aca faisg air Inbhir Nis.
Bidh a' chompanaidh a' giollachd fiodha san fhactoraidh faisg air Port-adhair Inbhir Nis.
Cuiridh an leasachadh dìon air 130 cosnadh aig an fhactaraidh agus air 300 cosnadh eile co-cheangailte ris a' ghnìomhachas.
Tha a' chompanaidh am beachd uidheamachd ùr a chur dhan fhactaraidh, a dh'fhosgail an toiseach bho chionn 25 bliadhna.
Tha iad ag ràdh gur e seo a' chiad phàirt de ghoireas ùr a bhios air a leasachadh ri taobh na factaraidh a th' ann.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh