Comhairle dòchasach mu ghealltanas Certas

Connadh
Image caption Fo aonta ùr, sguiridh na cùmhnantan fo am feumadh stèiseanan peatroil an connadh a cheannach bhon chompanaidh Certas.

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gun deach aonta a ruighinn leis a' bhuidhinn Certas airson barrachd farpais a bhrosnachadh ann am margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan Siar.

Fo aonta ùr, sguiridh na cùmhnantan fo am feumadh stèiseanan peatroil an connadh a cheannach bhon chompanaidh Certas.

Tha Certas cuideachd air aontachadh na stòran connaidh aca ann an Steòrnabhagh agus Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas fhosgladh do chompanaidhean eile.

Gealltanas

Na bu tràithe den t-seachdain ghabh Ùghdarras na Farpais is na Margaidheachd (CMA) ri gealltanas bho Certas Energy Uk Eta, agus DCC plc, a tha ag amas air piseach a thoirt air na tha de dh'fharpais ann am margaidh a' pheatroil 's an diesel anns na h-Eileanan Siar.

Tha an t-Ùghdarras air a bhith a' rannsachadh chasaidean gun deach riaghailtean farpais a bhriseadh ann am margaidh a' chonnaidh anns na h-Eileanan, le cuid air fàgail air Certas gun robh grèim aca air a' ghnothach a bha mì-chothromach.

Tha an gealltanas a' toirt chùmhnantan a bha a' toirt air cuid de na stèiseanan connaidh sna h-Eileanan a bhith a' ceannach connaidh bho Certas a-mhàin fad còig bliadhna, gu crìch.

Bidh roghainn nas fharsainge a-nis aig stèiseanan connaidh a thaobh cò bhuaithe a cheannaicheas iad an cuid connaidh.

Rannsachadh

Tha an CMA agus Oifis na Malairt Cothromaiche air a bhith a' rannsachadh margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar, feuch an robh cion-farpais ann, gu seachd àraid a thaobh nan cùmhnantan eadar Certas agus na stèiseanan connaidh.

Tha an CMA a-nis air an rannsachadh sin a dhùnadh, ri linn a' ghealltanais a fhuair iad bho Certas agus DCC plc.

Thuirt Ann Pope bhon CMA: "Tha sinn toilichte dha-rìribh gu bheil na gealltanasan seo againn bho Certas, a tha a' toirt cothrom dha-rìribh airson companaidhean eile a bhith a' dol an sàs ann am margaidh a' chonnaidh sna h-Eileanan Siar san ùine fhada.

Ceum mòr

Thuirt cathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle, Alasdair MacLeòid, gur e ceum mòr a tha seo, 's gun deach strì mhòr a dhèanamh thairis air iomadach bliadhna airson faighinn chun na h-ìre seo.

Thuirt e gu bheil smachd air a bhith aig a' chompanaidh Certas air a' mhargaid o chionn bhliadhnaichean, 's gun do rinn iomadach duine, gu h-àraidh Gòrdan MacIllFhinnein, a' bhuidheann-strì Fair Fuel Solutions agus a' Chomhairle fhèin, strì mhòr airson an doras seo fhosgladh.

Ged a gheall Certas gum bi stòran connaidh fosgailte do chompanaidhean eile airson còig bliadhna, tha iomagain ann nach bi an ùine seo buileach fada gu leòr gus leigeil le companaidhean eile a thighinn a-steach dhan mhargaid.

"Tha sin a' toirt seachad gealladh gum bi an t-siostam fada nas cothromaiche na bha e ach, air an làimh eile, a bheil companaidhean connaidh eile deònach a thighinn a-steach?" thuirt e?

Dòchasach

Thathas dòchasach gun tig ach, aig a' cheart àm, thathas mothachail nach e seo deireadh an sgeòil.

Dh'innis Mgr MacLeòid gu bheil an CMA fhathast an dùil sùil a chumail air an t-suidheachadh, gus dèanamh cinnteach nach tillear chun an aon shuidheachaidh 's a bh' ann.

"Aig deireadh an là, an rud a tha a h-uile duine ag iarraidh, 's e gum bi prìs a' chonnaidh nas ìsle na tha e agus nas fhaisge air na prìsean a tha daoine a' pàigheadh air Tìr Mòr," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile