Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Andy Coulson

Thèid tuilleadh cheistean air Daibhidh Camshron aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir, mu cho-dhùnadh Andy Coulson fhastadh aig aon àm mar cheannard conaltraidh aig Sràid Downing. Fhuair diùraidh aig an Old Bailey Colson ciontach an-dè fo chasaidean mu fharchluais air fònaichean nuair a bha e na dheasaiche air an News of the World. Chaidh Rebekah Brooks - a bha na deasaiche roimhe an sin - an duine aice, agus triùir eile a shaoradh bho chasaid.

Cead Bàsachaidh

Thug a' Phrìomh Chùirt breith an aghaidh dithis a bha a' feuchainn ri cead laghail fhaighinn airson beatha a thoirt gu ceann. Chaidh britheamhan 7-2 an aghaidh Paul Lamb agus Jane Nicklinson.

Còir Ceannaich

Nì na Tòraidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhirp mu dheireadh an-diugh air stad a chur air plana Riaghaltas na h-Alba airson cur às dhan chead a th' aig daoine ann an taighean comhairle an dachannan a cheannach. Chaidh sin a stèidheachadh ann an 1980, fo riaghaltas Màiread Thatcher. Tha dùil, a dh'aindeoin nan Tòraidhean, gun gabh a' Phàrlamaid ri cur às dhan sgeama.

Tubaist-rathaid

Chaidh duine a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A90 faisg air Ceann Phàdraig anns a' mhadainn an-diugh. Chaidh duine eile a thogail ann an heileacoptair dhan ospadal ann an Obar Dheathain an dèidh na tubaiste eadar dà chàr mu 07:00m.

Uairean-obrach Stèidhichte

Thèid casg air companaidhean a tha a' cur stad air luchd-obrach aig nach eil uairean-obrach stèidhichte bho a bhith ag obair do chompanaidhean eile. Thèid an lagh ùr gu Taigh nan Cumantan an-diugh, agus an Riaghaltas den bheachd gu bheil seo a' toirt buaidh air mu 125,000 duine a th' ann an cosnadh far nach eil gealltanas air uairean-obrach.

Figearan Thubaistean Mairbhteach

Bha àrdachadh an-uiridh an Alba san àireamh dhaoine a chaidh a mharbhadh ann an tubaistean càir, motor-baidhseagail agus baidhseagail. Bha an àireamh nas ìsle am measg luchd-coiseachd. Tha na h-àireamhan ùra bho Chòmhdhail na h-Alba ag ràdh gun robh lùchdachadh 10% sna h-àireamhan san fharsainneachd a chaidh a mharbhadh no a ghoirteachadh ann an 2013, dhan ìre as lugha bho thòisich clàradh.

Bana-Phrionnsa Spàinnteach

Chaidh a' Bhana-Phrionnsa Christina, piuthair Felipe, Rìgh ùr na Spàinne, ainmeachadh gu h-oifigeil fo amharas foill. Tha seo a' ciallachadh gum faodadh i fhèin agus an duine aice a chur fo chasaidena foill agus seachnadh chìsean.