Gluasad mu oifigearan armaichte

Oifigear armaichte Image copyright PA
Image caption B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Thèid gluasad mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin a tha ag iarraidh air Poilis na h-Alba cur às dhan phoileasaidh a tha a' fàgail gu bheil cuid de dh'oifigearan poilis a-nis a' giùlain ghunnaichean gu cunbhalach.

Thathas ag ràdh nach eil am poileasaidh freagarrach dhan Ghàidhealtachd.

Air a' mhìos a chaidh seachad, chaidh a' chùis a thogail le Iain Finnie, am BPA neo-eisimeileach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a bha uair na oifigear-poilis e fhèin.

Thuirt esan gu bheil mar a tha cuid de dh'oifigearan air an armachadh gu cunbhalach ag atharrachadh na dòigh anns a bheil na Poilis a' dèanamh an cuid obrach gu mòr.

Neo-iomchaidh

B' àbhaist na gunnaichean a bhith fo ghlais ann an carbadan armaichte, agus cha b' urrainnear an toirt a-mach gun chead bho oifigear ann an àrd-dhreuchd.

Tha Mgr Finnie a' cumail a-mach nach eil am poileasaidh idir iomchaidh airson na Gàidhealtachd.

Ach, tha Poilis na h-Alba ag ràdh gu bheil seo a dhìth airson sàbhailteachd an t-sluaigh.

Dhearbh na poilis gu bheil na gunnaichean a bhith an cois nan oifigearan gan dèanamh "nas fhollaisiche na bha iad riamh".

Atharrachadh

Thèid gluasad thar-phàrtaidh mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd a tha ag ràdh nach eil am poileasaidh seo iomchaidh air Ghàidhealtachd idir.

Thathas ag iarraidh air Poilis na h-Alba am poileasaidh atharrachadh gus nach biodh na gunnaichean aig oifigearan fad na h-ùine.

Tha Leas-cheannard na Comhairle, Dàibhidh Alston, am measg na tha air ainm a chur ris a' ghluasad.

Mura tèid am poileasaidh atharrachadh, thuirt e gum bu chòir an gnothach a bhith air a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile