Feadaralachd ga moladh

Murchadh Friseal Image copyright PA
Image caption Molaidh Mgr Friseal cumhachd a roinn eadar na nàiseanan agus na roinnean Sasannach.

Molaidh am ball Tòraidheach ann am Parlamaid na h-Alba, Murchadh Friseal, ann an oraid aig Oilthigh Ghlaschu oidhche Ardaoin, gum bu chòir stàit fheadaralach a dhèanamh den Rìoghachd Aonaichte.

Tha Mgr Friseal den bheachd gur e roghainn eile, seach neo-eisimeileachd, a bhiodh ann am feadaralachd ma 's e agus gun tèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba.

Canaidh e gun toireadh feadaralachd daoine air gach taobh den deasbad mu neo-eisimeileachd ri chèile.

Am measg na tha e a' moladh, tha bun-reachd sgrìobhte, agus gun deadh Seanad taghte a chur an àite Taigh nam Morairean, a bhiodh a' dèiligeadh ri gnothaichean feadaralach am broinn na RA.

Roinnean Shasainn

Ach thuirt am BPA Nàiseantach, Stiùbhart Mac a' Mhaoilein, gur e "dùrachd gun diù" a bh' anns na molaidhean.

Thuirt e nach robh na molaidhean a tha Mgr Friseal a' cur air adhart "idir air a' bhòrd" agus gun do "dh'fhailich air pàrtaidhean an Aonaidh tighinn gu aonta sam bith a thaobh tuilleadh chumhachdan do dh'Alba".

'S e Mgr Friseal labhraiche Thòraidhean na h-Alba air Iomairt, Cumhachd agus Turasachd, agus bha e uair na leas-cheannard air a' phàrtaidh.

'S e a' bhuidheann bheachdachaidh Reform Scotland a chuir an òraid aige air dòigh.

Tha dùil gun can e: "Bha referendum le ceist dhìreach riamh a' dol a sgaradh dhaoine eadar dà bheachd.

"Ach a bheil e fìor nach eil adhbhar cumanta idir eadar an dà sheasamh seo? Nach eil roghainn eile mu an tigeadh mòr-chuid shusbainnteach de dh'Albannaich còmhla?

"Mholainn-sa gur e feadaralachd am broinn na RA, nan gabhadh i obrachadh 's coileanadh, freagairt a dh'fhaodadh an dà chuid luchd-taic an Aonaidh, agus cuid mhòr de Nàiseantaich a thoirt còmhla, 's a bheireadh bun-stèidh sheasmhach airson an ama ri teachd."

Làn-chumhachd

Canaidh e gum biodh feadaralachd an ìre mhath sìmplidh do dh'Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, leis gu bheil fèin-riaghladh anns na dùthchannan sin mar-thà.

Iarraidh e gun tèid cumhachd a sgaoileadh am measg roinnean Shasainn, a' cleachdadh Cruinneachadh Lunnainn agus mèar a bhith sa bhaile sin mar eisimpleir.

Tha molaidhean Mhgr Fhriseil a' dol nas fhaide na molaidhean a' phàrtaidh aige a thaobh fèin-riaghlaidh, a bheireadh smachd do Phàrlamaid na h-Alba air VAT, cìs an teachd-a-steach, agus sochairean ma dhiùltas an sluagh neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Cha tèid feadaralachd a chur mu choinneimh an luchd-bhòtaidh, dhan tèid a' cheist seo a leanas fhaighneachd: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach? Bu Chòir / Cha bu Chòir."

Thuirt Mgr Mac a' Mhaoilein às leth an SNP: "Tha gu bheil pàrtaidhean Nas Fheàrr Còmhla a' gabhail ris gum feum Alba tuilleadh chumhachdan, a' cur spionnaidh anns an iomairt airson neo-eisimeileachd.

"Feumaidh Alba làn-chumhachd eaconamach agus an cumhachd a thaobh sochairean a gheibheadh i le neo-eisimeileachd, 's chan fhaighear sin ach le bhith a' bhòtadh "Bu Chòir", agus 's gann gu bheil earbsa aig an treas cuid den t-sluagh ann an Westminster airson dad a thoirt seachad. Sin as coireach gu bheil bhòtadh "Bu Chòir" cho cudromach.

"Ann an Alba neo-eisimeileach, gheibh sinn an riaghaltas a thaghas sinn gach turas, seach riaghaltasan Tòraidheach a dhiùltas sinn - a thuilleadh air a bhith a' cùmhnadh mu £50m sa bhliadhna do luchd-pàighidh nan cìsean le a bhith a' faighinn cuidhteas ìre Westminster de riaghladh ann an Alba."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile