£50m a bharrachd do Dhùnrath
- Published
Dh'fhoillsich Riaghaltas Bhreatainn £50m de mhaoineachadh a bharrachd airson a' phròiseict gus seann ionad niuclasach Dhùnrath ann an Gallaibh a ghlanadh.
'S ann an Dùnrath a bha pròiseact rannsachaidh readhactair luath Bhreatainn stèidhichte eadar 1954 agus 1994.
Tha £1.6bn sa bhuidseat airson an t-ionad a ghlanadh an-dràsta.
Tha cha-mhòr 200 togalach air an làraich, agus tha dùil gum bi a h-uile fear aca air a leagail ro 2025.
Thèid pìosan den làraich ge-tà, sa bheil 136 acair, a chleachdadh airson sgudal niuclasach, a th' air a mheas na bheag-chunnart, a stòradh.
Chaidh crìoch a chur mar thà air a' chiad fhear de dhà ionad stòraidh mhòr airson an sgudail sin air an làraich, air chosgais £20m.
Bidh an sgìre timcheall nan iondan sin toirmisgte don t-sluagh fad 300 bliadhna an dèidh dhaibh fosgladh.