Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Juncker

Tha a h-uile coltas ann gun tèid seann Phrìomh Mhinistear Lucsamburg, Jean-Claude Juncker, ainmeachadh an-diugh mar an ath cheann-suidhe air a' Choimisean Eòrpach, a dh'aindeoin agus gum feuch Breatainn ri stad a chur air. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, nach eil esan a' dèanamh leisgeul sam bith airson a bhith a' cur an aghaidh Mhgr Juncker ro bhòt nan ceannardan Eòrpach anns a' Bhruiseal. Tha Mgr Camshron a' cumail a-mach nach e Mgr Juncker an duine ceart airson na dreuchd. Thuirt Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, agus e ann an Dùn Èideann an-diugh, gu bheil esan ag aontachadh ri Mgr Camshron air a' bheachd sin.

Ugràin

Chuir Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, ainm ri aonta mhalairt agus eaconomaigeach leis an Aonadh Eòrpach. Thuirt Mgr Poroshenko gur e seo an là as cudromaiche dha dhùthaich bho fhuair iad neo-eisimeileachd bhon Aonadh Shòbhiatach. Thuirt an Ruis gun dìol seo gu dona air an Ugràin.

A' Chòrn

Chaidh bun-sgoil sa Chòrn an ceann a deas Shasainn a dhùnadh agus poilis a' coimhead airson duine, 's iad an amharas gu bheil gunna aige. Chaidh Bun-Sgoil Trenode a dhùnadh fhad 's a tha poilis armaichte a' dèiligeadh ri tachartas faisg air baile beag Looe.

Na h-Innseachan

Tha aithrisean ann gun deach mu 15 duine a mharbhadh ann an spreadhadh mòr agus teine aig pìoba gas a bhuineas dhan stàit ann an ceann a deas nan Innseachan. B' fheudar dhan t-sluagh gluasad cuideachd à bailtean beaga faisg air làimh. Tha an teine fo smachd a-niste agus thòisich rannsachadh mun spreadhadh ann an sgìre Andhra Pradesh.

Iorac

Tha Rùnaire Cèin Bhreatainn, Uilleam Hague, ann am baile Irbil ann an ceann a tuath Iorac an-diugh, far a bheil e a' bruidhinn ri ceannardan Cùrdach mun adhartas a tha feachdan Sunni na buidhne ISIS a' dèanamh. Dh'iarr Mgr Hague an-dè air Prìomh Mhinistear Iorac, Nouri Al-Maliki, riaghaltas a stèidheachadh eadar na diofar threubhan.

Aiseag

Tha dragh ann nach bi an t-seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul comasach air dèiligeadh ris an àireamh de luchd-turais ris a bheil dùil air an t-Samhradh seo. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum faodadh e droch bhuaidh a thoirt air an eaconamaidh, agus tha iad a' toirt sin gu aire Mhinistear Còmhdhail na h-Alba.