Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Far-chluais

Tòisichidh cùis-lagha as ùr an aghaidh Andy Coulson, a bha na fhear-labhairt do Dhaibhidh Camshron aig aon àm, agus Clive Goodman, a bha na dheasaiche air cùisean Rìoghail dhan News of the World. Thèid an cur fo chasaid a-rithist gun do phàigh iad oifigearan poilis airson àireamhan fòn do bhuill den teaghlach Rìoghail. Chaidh Coulson a dhiteadh an t-seachdain seo chaidh, fo chasaidean co-cheangailte ri far-chluais air fònaichean nuair a bha e na dheasaiche air an News of the World.

Itealain Tornado

Thuirt Ministrealachd an Dìon gu bheil iad mar thà a' cur mholaidhean an sàs bho aithisg mun dà itealan Tornado a bhuail na chèile os cionn Linne Mhoireibh bho chionn dà bhliadhna. Chaidh triùir a mharbhadh anns na tachartas. Thèid an aithisg fhoillseachadh an-diugh, agus tha dùil ri càineadh air an MoD airson nach robh siostam rabhaidh freagarrach air na h-itealain.

Bàs Scout

Thàinig naidheachd às an Eadailt air bàs gille às Alba a bha còmhla ri buidhinn de Scouts air turas dhan Eadailt. Bhuineadh an gille do bhuidhinn à Newton Mearns air taobh a deas Ghlaschu. Tha e coltach gun robh a' bhuidheann a' leum bho chreig gu ruige uisge, ach gun deach rudeigin ceàrr.

Jean-Claude Juncker

Thuirt Daibhidh Camshron gu bheil e air chomas co-obrachadh le Jean-Claude Juncker ged a dh'fhiach e ri stad a chur air airson fhastadh mar Cheann-Suidhe ùr air a' Choimisean Eòrpach. Tha dùil gun tèid am Prìomhaire a cheasnachadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mun dòigh anns an do dh'fhailich e air toirt air ceannardan Eòrpach eile bhòtadh an aghaidh Mhgr Juncker.

Uairean-obrach Sùbailte

Gheibh còrr is 20,000,000 luchd-obrach ann an Sasainn, a' Chuimrigh agus Alba cead air uairean-obrach pàirt-ùine iarraidh. Tha an Riaghaltas a' leudachadh nan uairean-obrach sùbailte nach robh gu ruige seo ach aig luchd-cùraim agus daoine aig an robh clann nas òige na 17.

Oscar Pistorius

Thuirt eòlaichean slàinte-inntinn aige cùirt Oscar Pistorius ann an Afraga a Deas nach robh an lùth-chleasaiche a' fulang le tinneas-inntinn aig an àm a mharbh e a leannan Reeva Steenkamp. Tha Mgr Pistorius a' cumail a-mach gun robh e a' fulang le trioblaid inntinn. Chuir panal saic-eòlaichean fad mìos seachad a' dèanamh tomhais air staid-inntinn Mhgr Pistorius, a tha a' dol às àicheadh gun do mhuirt e Ms Steenkamp.

Oifisean Ionadail Chal Mac

Tha dragh air fear de chomhairlichean Uibhist gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn am beachd earrainn den obair anns na h-oifisean aca ann an Loch nam Madadh, agus air an Tairbeart, a ghluasad gu ruige na prìomh oifis aca ann an Guireag. Tha Uisdean Robasdan air a' chùis a thogail aig Comhairle nan Eilean Siar agus le Cal Mac.