"Eagal sgiathalaich" air pìleat
- Published
Bha eagal air fear den triùir luchd-adhair a bhàsaich ann an tubaist eadar dà itealan Tornado leis an RAF ann an 2012 ro a bhith a' sgiathalaich aig àirde mheadhanaich, a rèir aithisg ùir a chaidh fhoillseachadh Diluain.
Bha an obaradair shiostaman armachd na shuidhe an cùl an itealain le pìleat a bha na oileanach nuair a bhuail e ann an itealan eile os cionn Linne Mhoireibh, a-mach bho chladach Bhun Illidh ann an Cataibh iar an treas là den Iuchar 2012.
Bhàsaich Flt Lt Hywel Poole, a bha 28 agus à Bangor anns a' Chuimrigh, Sqd Ldr Samuel Bailey, a bha 36 agus à Nottingham, agus Flt Lt Adam Sanders, a bha 27 agus à Lancashire.
Thàinig Sqd Ldr Paul Evans, a bha stèidhichte aig RAF Inbhir Lòsaidh, tron tubaist beò, ach air a dhroch ghoirteachadh.
Iomgain
Thuirt an aithisg nach b' e an t-eagal a bh' air an duine a dh'adhbharaich an tubaist, ach gur coltach gun do chuir e ris.
B' e rud eile a chuir ris an tubaist, nach robh siostam rabhaidh air bòrd nan itealan a dhèanadh e follaiseach gun robh cunnart ann bho itealan eile a bha ro fhaisg.
San aithisg aca, thuirt Ùghdarras an Sgiathalaich Armaichte (MAA) gun robh "iomadh cothrom ann an tubaist seo a sheachnadh".
Thug iad an aire nach robh siostam rabhaidh tubaiste air bòrd itealan Tornado an RAF.
Tha siostam air a bhith ga mholadh fad iomadh bliadhna, ach tha maill air tighinn air iomadh turas.
Thuirt an aithisg gur truagh nach robh an "uidheam sàbhailteachd deireannach" seo, a bh' air innse do na criuthaichean cho faisg air a chèile 's a bha iad, ann.
Dh'ainmich an MAA 17 rudan a chuir ris an tubaist, agus seachd rudan eile a bha na lùib.
Am measg nan rudan a chuir ris, bha aimsir thruagh, "thar-sealladh neo-èifeachdach" aig ìre sguadrain de na h-itealain a bha an sàs, agus "laigsean anns a' phròiseas mhanaidsearachd."
A thuilleadh air sin, cha robh plana cùraim foirmeil èifeachdach air a bhith ann don obradair shiostaman armachd air an robh eagal ro sgiathalaich aig àirde mheadhanaich.
Bha e air cuideachadh iarraidh leis an eagal a bh' air, a rèir na h-aithisg.
Siostam Rabhaidh
Anns a' Ghiblean 2012, thuirt e gun robh e air "ìre èiginneach" a ruighinn 's "cha b' urrainn dha a dhol suas."
Chaidh a dhiagnosadh le mì-rian na h-iomagain eagail. Sguir e de sgiathalaich airson ùine, mus do thill e thuige.
Thuirt an aithisg, air là na tubaiste, gun do theàrn an t-itealan san robh e gu "cabhagach" gu àirde ìosal, agus gun deach seo a dhèanamh ann an "aimsir mheadhanaich".
Fhad 's nach eil fianais sam bith ann gun tug an iomgain a bh' air an duine buaidh air na rinn e, thuirt an aithisg nach robh na co-dhùnaidhean aige "aig an ìre ris am biodh dùil leis an eòlas agus seasamh proifeasanta a bh' aige".
Bha siostam rabhaidh air cuideachadh gus an tubaist a sheachnadh, thuirt an luchd-rannsachaidh.
An dèidh dhan leithid a bhith air a mholadh do dh'itealain Tornado sna 1990an, chadih siostam a chosgadh £53.46m gu h-iomlan aontachadh airson a chur an sàs san Dàmhair 2012, agus chaidh cùmhnant a thoirt seachad airson na h-obrach san Dùbhlachd 2012.
Tha dùil gun tig an obair gu crìch am-bliadhna.
Thug an MAA an aire nach robh, aig an àm a chaidh an aithisg aca a sgrìobhadh, riaghailt ann idir gum feumadh leithid de shiostam a bhith an lùib nan itealan ùra Typhoon agus F-35B.
Thuirt Ministearalachd an Dìon gun robh molaidhean na h-aithisg gan cuir an sàs.