Comhairle dòchasach mu sgeama 'prìs shòisealta'

Inneal-tomhais dealain Image copyright Thinkstock
Image caption Tha a' Chomhairle an dùil co-obrachadh le SSE gus innealan-tomhais diofraichte a chur a thaighean dhaoine.

Tha Comhairle nan Eilean Siar dòchasach gun tèid aca air lùghdachadh a thoirt air prìs an dealain san sgìre, agus Ofgem air aontachadh taic a chur ri sgeama 'prìs shòisealta'.

Thèid a' Chomhairle a-nis a chòmhradh ris a' chompanaidh Scottish and Southern Energy (SSE) a dh'fhaicinn an gabh an sgeama a chur air doigh.

Dh'innis Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e comasach do chompanaidhean dealain, leithid SSE, prìs shòisealta aontachadh, a' ciallachadh gum b' urrainn do dhaoine dealain nas saoire fhaighinn.

"Tha tòrr dhaoine anns na h-Eileanan a tha a' cleachdadh dealain airson a bhith a' teasachadh nan dachannan aca, agus tha sin a' cur gu mòr ris an ìre de bhochdainn connaidh a th' anns na h-Eileanan," thuirt e.

Bochdainn connaidh

A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blàth.

'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh.

Tha a' Chomhairle mar-thà air milleanan de notaichean a chosg a' feuchainn ri taighean a dhèanamh nas seasgaire.

Ged a tha sin ag obair gu ìre, tha an àireamh de sheann taighean sna h-Eileanan na duilgheadas, le cosgais mhòr an lùib na taighean sin a dhèanamh an-àirde gu ìre 's gum faighear air teas a chùmhnadh annta.

Innealan-tomhais

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil a' Chomhairle cuideachd an dùil co-obrachadh le SSE gus innealan-tomhais diofraichte a chur a thaighean dhaoine, a leigeadh leotha an cuid innealan, leithid innealan-nigheadaireachd, a cleachdadh nuair a bhiodh prìs an dealain aig an ìre as ìsle.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil co-dhiù cothrom math againn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn airson gum biodh dealain nas saoire dha daoine sna h-Eileanan, gu h-àraid seann daoine agus daoine a th' ann am bochdainn connadh.

"Lùigeadh sin gun tigeadh an Riaghaltas a-steach a' cur taic rinn anns an iomairt a tha gu bhith againn le SSE," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile