Bonn òir do shnàmhadair bhon Ghàidhealtachd

Jennifer Barclay agus Mata Peatarsan Image copyright Ian Rhind
Image caption Chuir a' Chomhairliche Jennifer Barclay meal-a-naidheachd air às leth comhairlichean an Eilean Duibh gu lèir.

Choisinn an snàmhadair Mata Peatarsan bonn òir airson saor-snàmh, agus bonn airgid airson 100m a' snàmh air a dhruim, aig na Geamannan Oilimpigeach do chuid le duilgheadasan ionnsachaidh ann an Los Angeles, California o chionn ghoirid.

Bha Mata, prìomh-ghille Sgoil Naomh Cliaman ann an Inbhir Pheofharain, am measg sgioba de dh'ochdnar a bha a' riochdachadh Bhreatainn aig na Geamannan.

Tha Mata, aois 16, a' fuireach ann am Bun Lòchaidh, agus a' trèanadh le Sgioba Snàimh nan Ciurramach air a' Ghàidhealtachd.

Gheibh e an t-urram Batan na Bànrigh a tharraing, nuair a bhios e ri fhaicinn air Prìomh-Shràid Inbhir Pheofharain, air a chuairt gu Glaschu airson Gheamannan a' Cho-Fhlaitheis.

Thog an teaghlach aige, caraidean, agus gnìomhachasan na sgìre £1,400 gus Mata a chuideachadh leis a chuairt, agus fhuair e £850 a bharrachd o Mhaoin Sgìre an Eilean Duibh de Roinn na Gàidhealtachd.

Chuir an Comhairliche Jennifer Barclay meal-a-naidheachd air às leth chomhairlichean an Eilean Duibh gu lèir, air sgàth cho math 's a rinn e aig na Geamannan.

Moiteil

Thuirt i: "Rinn Mata cho math. Tha sinn uile cho moiteil às, agus toilichte gum b' urrainn dhuinn a chuideachadh."

Thuirt Mata: "Rinn mi e! Shnàmh mi cho math 's a b' urrainn dhomh, agus chòrd e rium gu mòr."

Bha sgoilearan agus luchd-teagaisg Sgoil Naoimh Chliamain cuideachd gu math pròiseil às na rinn am prìomh-ghille aca.

"Bha sinn fìor thoilichte Mata fhaicinn air ais anns an sgoil leis na buinn aige air," arsa Ceannard na Sgoile, Toni McCartney.

Bha ùine ann airson spòrs is fòghlaim tron chuairt, le turas gu Hollywood agus gu Ionad Saidheans LA a dh'fhaicinn an t-Soithich-Fhànais "Endeavour".

Fhuair e cothrom tachairt ris an t-seinneadair Nicole Scherzinger, tè aig a bheil sàr-thuigse de dhaoine le duilgheadasan ionnsachaidh arsa màthair Mhata, air sgath 's gun robh tè anns an teaghlach aice air an robh Tinneas Downs.

Rinn i oidhirp shònraichte tachairt ri sgioba Bhreatainn, le Mata nam measg.