Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Harris

Tha poilis a' rannsachadh chasaidean ùra an aghaidh Rolf Harris, a chaidh fhaighinn ciontach an-dè airson ionnsaighean drabasta air nighnean cho òg ri seachd bliadhna. Thèid binn airsan Dihaoine airson na h-ionnsaighean a rinn e sna 60an, na 70an agus na 80an. Thuirt Stiùiriche nan Casaidean Poblach gu bheil e ro thràth fhathast innse an tèid casaidean às ùr an aghaidh Harris, a tha 84 bliadhna de dh'aois.

Israel

Tha Israel a' maoidheadh dìoghaltas air a' bhuidheann Phalaistinianach, Hamas, air a bheil iad a' cur na coire airson muirt triùir dheugaire Isrealach. Tha Hamas a' dol às àicheadh gu bheil gnothach aca ris. Chaidh cuirp an triùir dheugaire fhaighinn an-dè, cola-deug an dèidh dhaibh a dhol a dhìth sa Bhruaich an Iar.

Trident

Cho-dhùin coimisean thar-phàrtaidh ann an Westminster gum bu chòir do Bhreatainn armachd niuclasach Trident a chumail agus ùrachadh. Cha tàinig iad gu aonta ge-tà mu bhith a' gearradh àireamh nam bàtaichean-aigeann. Thèid co-dhùnadh ann an 2016 an tèid Trident ùrachadh.

Sarkozy

Chuir poilis anns an Fhraing seann Cheann-Suidhe na dùthcha, Nicolas Sarkozy, an grèim 's iad a' rannsachadh foill. Chaidh fear de luchd-lagha Mhgr Sarkozy a chur an grèim an-dè, agus britheamh.

Loch Seaforth

Sgrìobh Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu Riaghaltas na h-Alba agus e ag iarraidh bàta-bathair a bhith fhathast a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul an dèidh dhan Loch Seaforth tòiseachadh air an t-slighe anns an t-Sultain. Tha dragh ann dè cho seasmhach 's a bhios am bàt'-aiseig ùr, a bhios a' seòladh fad' an là, seachd là san t-seachdain.

Finlaggan

Tha gearain ann an Uibhist a Tuath gur i am bàt'-aiseig, Finlaggan, a bhios a' tighinn an àite a' Hebrides a-rithist airson ùine air a' gheamhradh seo tighinn, nuair a bhios a' Hebrides anns an doc. Tha muinntir Uibhist ag ràdh nach deach ro mhath idir dhan Finlaggan air a' gheamhradh seo chaidh air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.