Barrachd feum air bancaichean-bìdh
- Air fhoillseachadh

Thuirt a' bhuidheann charthannais Blythswood gu bheil iad air mìle duine a bharrachd fhaicinn aig na bancaichean-bìdh aca am-bliadhna, an taca ris a' bhliadhna ron a sin.
Dh'fhosgail iad seachd bancaichean-bìdh air a' Ghàidhealtachd agus chuidich iad 4,500 duine anns a' bhliadhna a chaidh seachad.
Thàinig an naidheachd agus Riaghaltas na h-Alba air àireamhan fhoillseachadh a' sealltainn àrdachadh mòr san àireamh de dh'Albannaich a bha a' tighinn beò ann am bochdainn an-uiridh.
Thuirt Mùrchadh MacAoidh, a tha ag obair aig Blythswood ann am Baile Eòghain, gu bheil grunn adhbharan airson seo.
Dh'innis e gur e 'dàil ann an sochairean' am prìomh adhbhar gu bheil biadh ga thoirt seachad, le 'teachd-a-steach ìosail' agus 'atharraichean ann an sochairean' cuideachd a' cur ris na h-àireamhan.
Ged nach eil fhios ciamar a bhios cùisean san àm ri teachd, thuirt Mgr MacAoidh gu bheilear glè thaingeil airson a' bhìdh a thathas a' faighinn bho sgoiltean, eaglaisean agus bùithtean na sgìre.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Iuchar 2014