Ministear ag aideachadh 'gun deach e ro fhada'

An Eaglais Shaor
Image caption Chan eil an Eaglais Shaor fhèin a' gabhail seasamh air a' cheist taobh seach taobh.

Dh'aidich fear de sheann mhodaràtairean na h-Eaglaise Saoire gun deach e ro fhada nuair a thuirt e gum biodh e ceàrr do bhuill na h-Eaglaise bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum.

Ann am pìos ann am Mìosachan na h-Eaglaise, bha an t-Urr. Iain Ros air a ràdh gur e bhòt airson "Alba shaoghalta" a bhiodh ann am bhòt airson neo-eisimeileachd.

Thuirt e nach biodh e cogaiseach do mhinistearan is èildearan bhòtadh airson Alba neo-eisimeileach, agus thuirt e nach bu chòir do bhuill chumanta na h-eglaise sin a dhèanamh nas motha.

Ach fhuair e a chàineadh bho fheadhainn eile anns an eaglais, a bha ag ràdh gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a cheart cho saoghalta.

Ann an litir gu iris na mìos seo den mhìosachan, tha Mgr Ros ag aideachadh gur dòcha gun deach e ro fhada.

Chan eil an Eaglais Shaor fhèin a' gabhail seasamh air a' cheist taobh seach taobh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile