Prìomhaire a' cur ìmpidh air luchd-taic an Aonaidh

Daibhidh Camshron Image copyright Reuters
Image caption Canaidh am Prìomhaire Daibhidh Camshron gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine toilichte a bhith mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Thèid tuilleadh mìneachaidh a dhèanamh Diardaoin air na roghainnean a bhios mu ar coinneimh san referendum.

Canaidh am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine toilichte a bhith mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Ach bidh Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, ag argamaid gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a tha comasach Alba a dhìon bho ghearraidhean a bharrachd à Westminster.

Faireachdainnean

A' bruidhinn aig cruinneachadh, cuide ri ceannard Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba, Ruth Davidson, canaidh Mgr Camshron gu bheil sinn mar-thà air cluinntinn bhon bheag-chuid len guthan cruaidh a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd.

Tha am Prìomhaire a-nis ge-tà, ag iarraidh gun toisich "a' mhòr-chuid de dhaoine a tha a' cur taic ri bhith san Rìoghachd Aonaichte" a' leigeil fhaicinn mar a tha iadsan a' faireachdainn.

Tha coltas gur ann air cridhe agus air faireachdainnean dhaoine a tha Mgr Camshron gu bhith ag amas, 's e ag ràdh gum bu chòir smaoineachadh air na bhiodh e a' ciallachadh do chloinn agus oghaichean dhaoine nan deadh an RA fhàgail.

Bheir e iomradh air na tha gach sgìre agus dùthaich san RA air coileanadh còmhla thar nam bliadhnaichean, agus nì e ath-aithris gun urrainn do dhaoine a bhith moiteil às Alba agus, aig a' cheart àm, a bhith nam pàirt de rudeigin nas motha.

Gearraidhean

A' bruidhinn ann an Dùn Dèagh, bidh Rùnaire Ionmhais na h-Alba ag argamaid nach eil dad air a thabhainn bho Westminster ach tuilleadh ghearraidhean.

Canaidh Mgr Swinney gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a bheir seachad chothroman agus cumhachd do mhuinntir na h-Alba.

Image copyright PA
Image caption Canaidh Iain Swinney gum faigh Alba cothrom cùrsa na dùthcha atharrachadh le neo-eisimeileachd.

Ann an òraid mun eaconamaidh, canaidh e gum faigh Alba cothrom cùrsa na dùthcha atharrachadh le neo-eisimeileachd.

Thuirt e roimhe gun gabh cur ri buidseatan calpa na dùthcha, co-dhiù ann am pàirt, le bhith a' toirt airgid a-mach air iasad, agus mar sin a bhith a' toirt piseach air an eaconamaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile