Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ryanair

Dhearbh a' chompanaidh adhair Ryanair gun gluais iad mòran de na seirbheisean aca o Port-adhair Phreastabhaig gu Port-adhair Ghlaschu. Thuirt Ryanair, bhon Dàmhair, gu bi iad a' ruith 55 seirbheis a-mach à Glaschu gach seachdain. Fàgaidh iad seachd slighean adhair aig Preastabhaig, sìos bho 26. Tha a' chompanaidh cuideachd air innse gu bheil iad a' cur seirbheis ùr air chois eadar Dùn Èideann agus Port-adhair Stansted.

Puirt-adhair

Tha tèarainteachd ga theannachadh aig puirt-adhair Bhreatainn agus rabhadh air tighean bho na Stàitean Aonaichte mu iomairt cheannairc ùr. Tha draghan air oifigich ann an Washington gur maithte gu bheil dà mheur de dh'Al-Qaeda ag obair còmhla 's iad ag amas air itealain a tha a' sgiathadh dha na Stàitean.

Israel

Tha dùil gun tèid deugaire Phailistinianach a chaidh fhaighinn marbh air iomall Ierusalam an-dè a thiodhlacadh anns a' bhaile an-diugh. Thathas a' smaointinn gun deach Mohammed Abu Khadair a mharbhadh mar dhìoghaltas airson murt thriùir dheugairean Isrealach air a' Bhruaich an Iar aig toiseach na seachdain. Thuirt oifigich meidigeach Phailistinianach gun deach co-dhiù deichnear a leòn ann an ionnsaighean adhair Isrealach ann an sgìre Ghàsa an-diugh.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha an naidheachd gu bheil ceannard Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' fàgail a dhreuchd às dèidh nas lugha na naoi mìosan air iongnadh agus dragh a chur air mòran phàrantan. Chaidh Jim Lyon, a th' air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, ainmeachadh dhan dreuchd an dèidh ùine mhòir gun cheannard foirmeil. Tha na h-uimhir de phàrantan den bheachd ge-tà gur e adhbhar dòchais a th' ann gur maithte gum faigh an sgoil ceannard a tha a-nis fileanta sa chànan.

NEETS

Thàinig lùghdachadh air an àireamh de dheugairean ann an Alba a tha às aonais cosnadh agus nach eil a' trèanadh neo ann am foghlam. Sheall àireamhan oifigeil gun robh 29,000 clàraichte mar NEETS an-uiridh, sìos bho 33,000 air a' bhliadhna roimhe sin. Seo an ìre as ìsle bhon a thòisich crìonadh na h-eaconamaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba air àite ann an trèanadh neo foghlaim a thabhainn do dhuine sam bith fo aois 19 bliadhna a tha gun obair.

Dachaighean comhairle

A rèir àireamhan a fhuair Libearalaich Dheamocratach na h-Alba, tha barrachd air 13,000 neach air a bhith còrr is 10 bliadhna a' feitheamh air dachaigh comhairle. 'S iad daoine ann am Peairt agus Ceann Rois, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear agus Siorrachd Rinn Friù a th' air a bhith a' feitheamh an ùine as fhaide.