BBC Naidheachdan

Batan na Bànrigh sna h-Eileanan an Iar

Published
image copyrightGlasgow 2014
image captionTòisichidh earrann nan Eilean Siar dhan turas phàirteach air feasgair Diluain.

Ruigidh Batan na Bànrigh Barraigh Diluain, aig toiseach slighe tro na h-Eileanan an Iar.

Chaidh 60 duine a thaghadh gu sònraichte airson am batan a ghiùlain tro na h-Eileanan air fad, 's i a' gluasad gu tuath madainn Dimàirt.

Tòisichidh earrann nan Eilean Siar den turas phàirteach feasgair Diluain.

Bidh pìobaire a' feitheamh air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh airson fàilte a chur air a' bhatan, a tha gu bhith a' sgèith a-steach à Glaschu.

Cuirm

Chaidh còignear às an sgìre fhèin a thaghadh gu sònraichte leis a' choimhearsnachd airson am batan a ghiùlain.

Thèid cuirm a chumail ann am Bàgh a' Chaisteil, far am bi ceòl agus spòrs a' feitheamh air a h-uile duine.

Am measg na bhios a' tachairt, thathas gu bhith a' feuchainn air an dannsa Strip the Willow as motha a chaidh fhaicinn riamh ann am Barraigh.

Cuiridh am batan oidhche seachad ann am Bàgh a' Chaisteil, mus tòisich e air a shlighe gu tuath tro Èirisgeigh, Uibhist, agus Na Hearadh, gu ruige Rubha Robhanais ann an ceann a tuath Leòdhais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Batan na Bànrigh ann am Barraigh