Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Bheir Rùnaire na Dùthcha cunntas do Thaigh nan Cumantan an-diugh air mar a làimhsich oifis Roinn na Dùthcha pàipearan a chaidh a chur thuca sna h-ochdadan a bha a' togail dhraghan mu dhrabastachd chloinne ann an Westminster. Bidh Theresa May cuideachd ag ainmeachadh an fhir-lagha a nì sgrùdadh air mar a làimhsich buidhnean poblach casaidean mu ionnsaighean drabasta. Tha e air a thuigsinn gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air casaidean eachdraidheil co-cheangailte ris an Riaghaltas, an NHS agus am BBC.

Isis

Thuirt Albannach a nochd ann am bhideo ag iarraidh air Breatannaich òga a dhol a shabaid airson na buidhne radaigich Isis, gun toir e a bheatha airson a chreidimh. Dh'innis Abdul Rakib Amin, às Obar Dheathain, do dh'ITV an-diugh sa mhadainn gum fanadh e anns an Ear-Mheadhanach, agus gun cumadh e air a' sabaid gus an deadh stàit Ioslamach a stèidheachadh.

Gàsa

Chaidh naoinear de bhuill na buidhne radaigich Hamas a mharbhadh ann an ionnsaighean adhair Israelach air sgìre Ghàsa. Thachair na h-ionnsaighean às dèidh mar a chaidh tuilleadh rocaidean a losgadh à Gàsa a-steach gu Israel. Aig a' cheart àm tha Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, air còmhradh fòn a chumail ri athair Mohammed Abu Khdair, an deugaire a chaidh a mhurt air iomall Ierusalem air an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Mgr Netanyahu gun robh e fiadhaich mu bhàs a' bhalaich, agus gheall e gun tèid na murtairean a ghlacadh agus a pheanasachadh.

Taser

Chaidh casaid a chur às leth fireannaich aois 43 às dèidh buaireadh air Sràid a' Phrionnsa ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain. B' fheudar do Phoilis armaichte gunna-dealain Taser a chleachdadh airson smachd fhaighinn air an duine. Chaidh oifigear Poilis agus fear eile a thoirt dhan ospadal às dèidh an tachartais, a thachair mu 5:15f Dihaoine.

Nigeria

A rèir aithrisean à ear-thuath Nigeria chaidh aig mòran den 60 chlann-nighean a chaidh a thoirt am bruid leis a' bhuidhinn Boko Haram air a' mhìos a chaidh air teicheadh. Chan eil an còrr fiosrachaidh air nochdadh ge-tà mu 200 nighean a chaidh a thoirt am bruid leis a' bhuidhinn radaigich anns a' Ghiblean.

Baton na Bànrigh

Agus ruigidh Baton na Bànrigh na h-Eileanan Siar an-diugh air a shlighe gu fosgladh Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu. Tha dùil gun laigh am plèana a tha a' giùlain a' bhaton air an Tràigh Mhòir Bharraigh mu 3:30f, 's a-màireach thèid a thoirt tro na h-eileanan gu ruige Rubha Robhanais, agus an uair sin gu Steòrnabhagh.