Cosgaisean lìbhrigidh mì-reusanta

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Alasdair Màrtainn ag ràdh gun deach £400 iarraidh air airson stuth a chur thuige, rud nach cosgadh ach £15 a chur gu seòladh 10 mìle air falbh air Tìr Mòr.

Tha fear gnìomhachais às an Eilean Sgitheanach ag ràdh gum feum an Riaghaltas cuideam a chur air companaidhean lìbhrigidh gus cosgaisean nas cothromaiche a thabhann.

Tha Alasdair Màrtainn ag ràdh gun deach £400 iarraidh air airson stuth a chur thuige, rud nach cosgadh ach £15 a chur gu seòladh 10 mìle air falbh air tìr-mòr.

Tha Alasdair Màrtainn a' ruith companaidh foillseachaidh chiùil bhon dachaigh aige ann am Breacais ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Dh'òrdaich e 1,000 DVD bho chompanaidh sa Ghearmailt a tha a' cleachdadh na companaidh lìbhrigidh, UPS.

Thuirt UPS gun cosgadh e £400 a bharrachd an stuth a chur dhan eilean, ach nuair a thug Mgr Màrtainn dhaibh còd-puist caraid dha a tha a' fuireach ann am Baile Mac Ara, mu 10 mìle air falbh air Tìr Mòr, 's e £15 a chosgais.

"Chan eil ciall ann, o chionn 's, mar a tha fios aig a h-uile duine, tha drochaid ann a-nis agus tha e an asgaidh," thuirt Mgr Màrtainn.

Gu h-àbhaisteach, thuirt e gum biodh cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd ri phàigheadh, ach cosgaisean an ìre mhath reusanta: "'S dòcha £10, no £20, eadhon suas gu £40."

Comhairle

Thuirt Mgr Màrtainn gun do thill e chun na companaidh bhon tàinig na DVDan, a' toirt mìneachaidh dhaibh air an t-suidheachadh, ach gun tuirt iad gun robh iad duilich ach gur e UPS a' chompanaidh lìbhrigidh a bhathas a' cleachdadh fad an t-siubhail.

Cha robh UPS càil na bu chuideachaile.

An dèidh bruidhinn ris an dà chompanaidh fa leth, 's gun fuasgladh sam bith air fhaighinn, chaidh Mgr Màrtainn a dh'iarraidh comhairle bho Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

"Tha iadsan gu math cuideachail," thuirt e. "Tha iad a' dèanamh an dìcheall."

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Fhuair Mgr Màrtainn comhairle bho Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill.

Peanas a' chòd-phuist

Tha Mgr Màrtainn a' cur taic ri iomairt Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill, a tha a' cumail a-mach gu bheil mu mhillean duine an Alba - sna bailtean mòra cuideachd - a' fulang 'peanas a' chòd-phuist', mar a th' aca air.

Tha e a-nis ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ìmpidh a chur air companaidhean lìbhrigidh gus siostam nas cothromaiche a chur an sàs agus stad a chur air peanas a' chòd-phuist.

Chaidh beachd iarraidh air UPS, a' chompanaidh lìbhrigidh, ach cha tàinig freagairt fhathast.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh