Batan na Bànrigh sna h-Eileanan an Iar

Batan Glaschu 2014 Image copyright Glasgow 2014
Image caption Tha mì-thoileachas ann an Uibhist a Tuath ge-tà nach tig am batan thucasan idir.

Leanaidh turas Batan na Bànrigh tro na h-Eileanan an Iar Dimàirt, 's e ga ghiùlan tro Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla - gu ruige Hiort - agus an uair sin a Leòdhas is na Hearadh.

Tha mì-thoileachas ann an Uibhist a Tuath ge-tà nach tig am batan thucasan idir.

Bha dùil gu bho chionn ghoirid gum biodh am batan a' dol a dh'Uibhist a Tuath, 's às an sin a Bheàrnaraigh agus a cheann a deas na Hearadh.

Ach, leis gu bheil am batan a-nis a' siubhal gu Hiort air heileacoptair, 's e Uibhist a Tuath aon aon eilean sna h-Eileanan an Iar far nach nochd am batan idir.

A rèir na Comhairle, b' e aon neach a-mhàin a chaidh a chur air adhart airson ruith leis a' bhatan ann an Uibhist a Tuath, 's ri linn sin nach gabhadh turas pàirteach a dhèanamh air an eilean.

Kerry Nic a' Phì

Tha ceangal aig Uibhist a Tuath ri Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis, leis gum b' àbhaist dha Kerry Nic a' Phì a bhith na ball de bhuidhinn lùth-chleasachd Uibhist a Tuath.

Chaidh Kerry ainmeachadh mar phàirt de sgioba baidhsagal-beinne nam ban san Ògmhios; 's i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a tha air farpais anns na geamannan.

A' toirt iomradh air Nic a' Phì, thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath, Sheena Stiùbhart: "Bha ise, nuair a bha i na b' òige, a' dol chun 'athletics club' ann an Uibhist a Tuath, 's tha ceangal mòr an sin fhèin ris na geamannan.

"Tha ainm bhuidheann lùth-chleasachd Uibhist a' Tuath a' dol nas fhaide na na h-eileanan, tha ainm math dha-rìribh aca air feadh Alba gu lèir agus tha e tàmailteach fiù 's on taobh sin fhèin," thuirt i.

Turas pàirteach

'S e Dimàirt an 25mh là aig a' bhatan air chuairt, 's e air a bhith ann an 70 dùthaich air feadh a' Cho-fhlaitheis.

Chaidh fàilte chridheil a chur air a' bhatan ann am Barraigh Diluain, 's a' chaileag òg bhon t-sreath Tbh Ceitidh Mòrag ga ghiùlan far an itealain, le pìoba ga seinn gus an ath-earrainn den turas phàirteach a thòiseachadh.

Chaidh còignear às an sgìre fhèin a thaghadh gu sònraichte leis a' choimhearsnachd airson am batan a ghiùlain.

Nam measg, bha Ceiteag NicNèill: "Là mòr dha-rìribh a bh' ann an-diugh. 'S e rud a th' ann nach tachair, tha mi cinnteach, ach aon uair nad bheatha. Tha e math, leithid a' bhatain a' tighinn dha na h-Eileanan," thuirt i.

Clàr-ama a' bhatain

Thòisich cùisean Dimàirt aig cidhe na h-Àirde Mòire ann am Barraigh, far an robh am batan deiseil airson a dhol air an aiseag a dh'Èirisgeigh.

Tha clàr-ama a' bhatain mar a leanas (tuairmsean):

  • 09:20m Dalabrog, Uibhist a Deas
  • 10:35m Lìonacleit, Beinn nam Fadhla
  • 11:30m Port-adhair Bheinn nam Fadhla
  • 12:30f Turas a Hiort
  • 3:25f An Tairbeart
  • 5:50f Rubha Robhanais, Nis
  • 7:20f Steòrnabhagh

Bidh sreath de thachartasan anns gach àite airson an là mòr a chomharrachadh, leithid 'Big Breakfast Dance' ann an Dalabrog, taisbeanadh bho Sgoil Mharcachd Uibhist ann an Lionacleit, tachartas mòr coimhearsnachd air raon-cluiche Rally Park air an Tairbeart, spòrs agus fealla dha aig SpòrsNis, agus Siorcas Òigridh a' Cho-Fhlaitheis ann an Steòrnabhagh.

Tha cuid de rathaidean dùinte ri linn an tachartais agus thathas ag iarraidh air daoine a bhith foighdinneach ma tha iad a' siubhal tro sgìre sam bith far a bheil am batan air chuairt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile