BBC Naidheachdan

Rannsachadh poblach ga iarraidh air sàbhailteachd heileacoptairean

Published
image copyrightPA
image captionB' e a' cheathramh tubaist de a leithid ann an còig bliadhna.

Dh'iarr Buill-Phàrlamaid gun tèid rannsachadh poblach a dhèanamh air co-dhiù tha cuideam bho chompanaidhean ola agus gas a' fàgail nach eil heileacoptairean a' Chuain a Tuath cho sàbhailte 's a bu chòir.

Tha Comataidh Thaghte na Còmhdhail cuideachd ag iarraidh sgrùdaidh iomlan a dhèanamh air a' ghnothach a th' aig Ùghdarras an Sgithealaich Shìobhalta (CAA) ris.

Tha na molaidhean an cois aithisg a tha ga foillseachadh an dèidh na tubaiste san tàinig heileacoptair Super Puma a-nuas sa mhuir far chosta Shealtainn ann an 2013.

Chaidh ceathrar luchd-siubhail a mharbhadh, anns a' cheathramh tubaist de a leithid ann an còig bliadhna.

Cultar burraidheachd

Thuirt cathraiche na Comataidh, Louise Ellman: "A dh'aindeoin na h-obrach a rinn an CAA, tha ceistean mòra fhathast a thaobh sàbhailteachd nan heileacoptairean ann an saoghal coimearsalta, farpaiseach a' Chuain a Tuath.

"Tha sinn draghail gu bheil sàbhailteachd a' fulang ri linn daoine a bhith coma.

"Cha deach cho èifeachdach 's a tha an CAA a sgrùdadh math gu leòr.

"Cha bhi de chumhachd 's de dh'ùghdarras ach aig làn-rannsachadh poblach neo-eisimeileach airson an gnothach a sgrùdadh ceart."

Thog na buill air mar a nochd an rannsachadh a rinn Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (AAIB) air an tubaist far Shealtainn na h-uimhir de dhraghan susbainteach.

Gu h-àraid, fhuair an AAIB nach eil mìneachadh ceart anns an fhiosrachadh a thugadh seachad do luchd-siubhail air thoiseach air an turas, air mar a chleachdar uidheam analachaidh èiginneach an heileacoptair.

Thogadh dragh cuideachd mu "chultar macho burraidheachd" ann an gnìomhachas na h-ola 's a' ghas, agus gun deach innse do luchd-obrach a thog dragh mu shàbhailteachd gum bu chòir dhaibh an obair fhàgail.

"An dèidh ceithir tubaistean ann an còig bliadhna, tuigear mar a tha misneachd an luchd-obrach sa Chuan a Tuath ann an sàbhailteachd nan heileacoptairean lag.

Laigsean

"Dh'innis feadhainn a thàinig tron tubaist beò dhuinn nach do chleachd iad an uidheamachd analachaidh èiginneach ri linn 's nach deach innse dhaibh ceart mar a chleachdadh iad e.

"Tha e uabhasach gum feumadh tubaist mharbhtach a bhith ann mus do nochd na laigsean a bh' anns an fhiosrachadh sin.

"Tha còir aig luchd-obrach sa Chuan a Tuath fios a bhith aca gu bheil a h-uile rud a ghabhas ga dhèanamh airson an cumail sàbhailte."

Thuirt labhraiche do Roinn na Còmhdail: "Tha e riatanach gum faod luchd-obrach sa Chuan a Tuath an obair aca a dhèanamh ann an àrainneachd shàbhailte. Tha sinn ag obair còmhla ris an CAA, mar an riaghladair neo-eisimeileach, air a' chùis chudromach seo.

"Tha sinn taingeil don Chomataidh airson na chuir iad ris a' chùis, agus bheir sinn freagairt foirmeil don aithisg aca an ceann ùine iomchaidh."