Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mikaeel Kular

Nochd boireannach aig ro-rannsachadh anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid fo chasaid gun do mhuirt i a mac. Chaidh cur às leth Rosdeep Adekoya, a tha 33, gun do mharbh i Mikaeel Kular, aois trì bliadhna, agus gun do dh'fheuch i ri bacadh a chur air ceartas. Chaidh corp Mikaeel a lorg ann an coille ann am Fìobha anns an Fhaoilleach. Tillidh a' chùis dhan chùirt air an 25mh là den mhìos.

Heileacoptairean

Dh'iarr comataidh de Bhuill-Phàrlamaid rannsachadh poblach air sàbhailteachd heileacoptairean anns a' Chuan a Tuath. Tha aithisg o Chomataidh Còmhdhail Thaigh nan Cumantan a' nochdadh draghan gur màithte gu bheil gnìomhachas na h-ola 's a' ghas a' fàs neo-iomgainneach, agus gun toir sin buaidh air ìrean sàbhailteachd. Thòisich iad a' rannsachadh na cùise às dèidh tubaist-adhair far Sealtainn anns an Lùnastal an-uiridh anns an do chaill ceathrar luchd-siubhail am beatha.

Leudachadh an Aonaidh Eòrpaich

Thàinig rabhadh bho luchd-comhairleachaidh an Riaghaltais gum feum smachd teann a chumail air a bhith a' leudachadh chrìochan an Aonaidh Eòrpaich airson lùghdachadh a dhèanamh air a' bhuaidh shòisealta agus eaconamaich a bheir tuilleadh luchd-obrach bho seann dhùthchannan Comannach air an Rìoghachd Aonaichte. Tha Comataidh Comhairleachaidh an In-imreachais ag ràdh gum faodadh gum faigh ochd dùthchannan le àireamh-sluaigh de 90 millean ballrachd anns an EU anns an àm ri teachd, agus gu bheil laghan-obrach nas cruaidhe a dhìth.

Roinn na Dùthcha

Thèid Àrd-Sheirbheiseach Chatharra Oifis Roinn na Dùthcha, Mark Sedwill, a cheasnachadh le Buill-Phàrlamaid an-diugh mu mar a dhèilig an roinn aige ri casaidean eachdraidheil de dhrabastachd chloinne, 's cuid de phàipearan a chaidh a chur gu Roinn na Dùthcha anns na h-ochdadan air a dhol à sealladh. An-dè dh'fhoillsich Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, dà rannsachadh fa-leth air mar a dhèilig an Riaghaltas, na Poilis agus buidhnean poblach eile ri drabastachd chloinne.

Corp Deugaire

Tha Poilis na h-Alba a' sireadh teaghlach ghille a chaidh a bhàthadh ann an amar-uisge ann an Dùn Èideann an-raoir. Chaidh na seirbheisean teasairginn a ghairm gu Amar Torduff ann am Pàirce Bunaly nuair a chaidh am balach, aois 14, fhaicinn san uisge. Thuirt na Poilis gun deach lorg fhaighinn air corp an deugaire anmoch an-raoir.

Gàsa

Thug plèanaichean cogaidh Israelach ionnsaigh air 50 targaid ann an sgìre Ghàsa tron oidhche. A rèir nan aithrisean as ùire chaidh co-dhiù 14 duine a leòn anns na h-ionnsaighean. Thuirt Riaghaltas Israel gu bheil an iomairt aca ag amas air stad a chur air Pailistinianaich a bhith a' losgadh rocaidean thairis air a' chrìch.

Easyjet

Agus dh'fhoillsich Easyjet gu bheil iad a' dol a stèidheachadh trì slighean ùra eadar-nàiseanta o phuirt-adhair Albannach. On Fhoghair bidh a' chompanaidh adhair a' tabhainn seirbheisean o Obar Dheathain gu Geneva, à Glaschu gu Marakesh, agus Dùn Èideann gu Funchal ann am Portagal.