Glainead "truagh" an cuid den Ràthaig Mhòr
- Air fhoillseachadh

Fhuair sgioba bho Luchd-sgrùdaidh Àrainneachd a' Chùraim Shlàinte (HEI) a thadhail gun rabhadh air Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, gu bheil glainead aig Ionad Tubaiste agus Èiginn an ospadail "truagh".
Fhuair an aithisg aca, a chaidh fhoillseachadh Dimàirt, nach robh uidheamachd euslaintich glan ann an grunn roinnean den ospadal.
Thadhail an sgioba air an ospadal air 13mh agus 14mh an Cèitean am bliadhna.
Ri linn dragh mu ghlainead, thadhail iad a-rithist an t-seachdain às dèidh sin.
Dh'innis an luchd-sgrùdaidh don ospadal gum feumadh iad aire a thoirt sa bhad do dh'ochd roinnean, agus thug mhol iad dhaibh prìomhachas a thoirt do bhith a' dèiligeadh ri dhà rud eile.
Thuirt HEI gun cum iad orra a' sgrùdadh Ospadail an Rathaig Mhòir a dhèanamh cinnteach gun cuirear na molaidhean seo an sàs.
An turas mu dheireadh a chaidh an t-ospadal a sgrùdadh, san t-Samhain 2012, b' fheudar dìreach aon sgìre atharrachadh sa bhad, le dà mholadh prìomhachais.
Bha aithisg an luchd-sgrùdaidh an turas seo math san fharsainneachd, ach a-mhàin gum bu chòir piseach a thoirt sa bhad air glanadh làimhe ann an Tubaist is Èiginn agus Uard 11.