Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd

Dh'iarr na h-uimhir de bhuill-pàrlamaid air an riaghaltas iad beachdachadh a-rithist air an dòigh anns an deach a' Bhean-Uasal Butler-Sloss ainmeachadh mar chathraiche air an rannsachadh as ùire mu dhrabastachd an aghaidh chloinne. B' e a bràthair, am Morair Havers, Àrd-Neach Tagraidh na Lagh sna h-80an, nuair a thog Geoffrey Dickens, am Ball-Pàrlamaid Tòraidh nach maireann, casaidean mu dhaoine ann an dreuchdan poblach. Chuir Oifis na Dùthcha dìon air an dòigh anns an deach a' Bhean-Uasal Butler-Sloss fhastadh, agus gearainean ann gu bheil i ro fhaisg air meadhan cumhachd.

'Duine ainmichte'

Thèid luchd-iomairt gu Cùirt an t-Seisean an-diugh agus iad a' cur an aghaidh lagh ùr Riaghaltas an h-Alba airson 'duine ainmichte' a chur mu choinneimh gach leanabh gus am bi iad 18 bliadhna de dh'aois. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil seo a' gabhail fada cus gnothaich, nach bu chòir, ri beatha teaghlaich. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil taic ann dhan t-siostam, anns a bheil Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith an sàs bho chionn còrr is ceithir bliadhna.

Tèarainteachd

Chaidh leudachadh air tèarainteachd airson uidheaman eileagtronaigeach, mar fònaichean-làimhe agus laptops, air seirbheisean adhair à Breatainn gu dùthchannan eile. Gu ruige seo, cha bhuineadh na riaghailtean ach do sheirbheisean dha na Stàitean Aonaichte. Tha teannachadh ann air tèarainteachd agus dragh ann gu bheil dà bhuidheann cheannairc ag obair air bom ùr nach aithnich siostam na tèarainteachd a th' ann an-dràsta.

Israel

Thuirt Riaghaltas Israel gu bheil iad deiseil airson saighdearan a chur gu ruige Gàsa airson stad a chur air a' bhuidheann Hamas, a tha a' losgadh iurchairean orra. Tha oifigich Palaistinianach ag ràdh gun deach còrr is 20 duine a mharbhadh tron oidhche ann an ionnsaighean bho itealain cogaidh Israelach.

Harman

Thuirt Harriet Harman gu bheil làn dùil aice gur i an Leas-Phrìomh Mhinistear a bhios ann ma ghleidheas na Làbaraich aig an Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna. Ann an òraid a-raoir, a' cur sìos air dìmeas air boireannaich aig Westminster, thuirt i gur e sin a bu choireach nach tug Gòrdan Brown an dreuchd dhith nuair a bha esan na Phrìomhaire.

Ìle

Gheall Vodafone gum bi einnseanair ann an Ìle an-diugh agus muinntir an eilein air a bhith còrr is seachdain a-nis às aonais siognal a' fòn. Tha gearain ann air an ùine a tha e a' toirt an t-seirbheis a chur ceart, agus dragh cuideachd nam biodh èiginn ann agus daoine an crochadh cho mòr air an fòn-làimhe.