Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailcean

Tha mìltean de luchd-obrach nan seirbheisean poblach ann an Alba a' gabhail pàirt ann an stailc fad 24 uairean air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus iad a' gearain air am pàigheadh, peinnsean agus uallach na h-obrach. Tha an stailc a' toirt buaidh, am measg eile, air seirbheisean comhairle, na seirbheisean smàlaidh agus nam prìosan. Tha na h-aonaidhean ann an Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gluasad air falbh bho phoileasaidh nan gearraidhean aig Seansalair na Rìoghachd Aonaichte, Seòras Osborne.

Clàran

Thèid reachdas, ann an èiginn, a chur gu Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain a bheir air companaidhean fòn agus eadar-lìon clàr a chumail air eachdraidh fòn, teachdaireachd teacsa agus eadar-lìon an luchd-cleachdaidh. Thèid an lagh a stèidheachadh an dèidh do Chùirt na h-Eòrpa cuir às, bho chionn ghoirid, dhan dleastanas a bh' air companaidhean conaltraidh clàr a chumail airson fad bliadhna.

Gàsa

Dh'fhosgail an Èipheit a crìoch ri Gàsa gus am faigh Palaistinianaich cobhair an dèidh ionnsaighean Isrealach. Thuirt Israel gun tug iad còrr is 300 ionnsaigh air targaidean ann an Gàsa anns na 24 uairean mu dheireadh.

Cumhachd

Chuir Riaghaltas na h-Alba fàilte air aithisg a tha ag ràdh gum fàgadh neo-eisimeileachd Alba ann an suidheachadh nas làidire airson dèiligeadh ri prìsean àrda agus bochdainn connaidh. Thuirt an Coimisean Comhairleachaidh air Riaghladh Chumhachd gum bu chòir cuideachd margaidh shingilte a bhith ann fhathast airson cumhachd eadar Alba 's an còrr den Rìoghachd Aonaichte, nan deadh bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an t-Sultain. Ach thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a-rithist nach gabh margaidh shingilte airson gas agus dealain a ghleidheadh an dèidh neo-eisimeileachd.

Prìs thaighean

Thàinig àrdachadh nas luaithe air prìs thaighean ann an Alba san Ògmhios, a rèir Institiud nan Luchd-Sgrùdaidh Clàraichte. Bha fàs nas slaodaiche ann air an Earrach, ach tha dùil gun èirich prìsean a-rithist air an ath chairteal den bhliadhna.

Bhanaichean

Tòisichidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' tomhas cuideam nam bhanaichean bheaga air na h-aiseagan aca. Tha RET ri fhaighinn fhathast air carbadan a tha nas giorra na sia meatair agus tha CalMac an amharas gu bheil cuid a' cur barrachd na bu chòir ann am bhanaichean bheaga airson 's gum faigh iad am faradh saor.

A9

Tha dithis de bhuill neo-eisimeileach na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, John Finnie agus Jean Urchadan, ag ràdh nach bi iad aig coinneamh a-màireach a dheasbad rathad an A9. Tha iad a' cumail a-mach nach eil anns a' choinneamh, a tha am Ball-Pàrlamaid Danny Alexander, Rùnaire an Ionmhais, a' cur air dòigh, ach cleas mar dhòigh air a dhreach fhèin a chur air an t-suidheachadh.