Deasbad beò eadar Salmond is Darling

Darling agus Salmond
Image caption Thèid an deasbad a chraoladh beò à Glaschu, air 5mh an Lùnastal.

Thèid deasbad telebhisein eadar Ailig Salmond agus Alasdair Darling air adhart air an ath-mhìos, an dèidh mar a fhuaireadh fuasgladh air eas-aonta mun cheann-là.

Dhearbh an craoladair STV gun tachair an deasbad air 5mh an Lùnastal.

Cuiridh am Prìomh Mhinistear air adhart an argamaid airson neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus canaidh Mgr Darling, a tha na chathraiche air an iomairt Nas Fheàrr Còmhla, gum bu chòir an t-Aonadh a chumail ri chèile.

Ràinig an dà thaobh aonta mun cheann-là feasgar Diciadain, an dèidh eas-aonta a mhair seachdainean.

Còmhraidhean

Air thoiseach air a' bhòt anns an t-Sultain, bha STV air a bhith a' còmhradh ris an dà thaobh mu bhith a' cumail deasbad beò air an telebhisean eadar ceannardan nan iomairtean.

Chaidh a mholadh an toiseach gun deadh an deasbad a chumail air 16mh an t-Iuchar, ach cha b' urrainn dhan dà thaobh aontachadh air an sin.

Bha eas-aonta a bharrachd ann an uair sin mun 5mh là den Lùnastal.

Bha Mgr Salmond ag iarraidh deasbad a chumail ris a' Phrìomhaire, Daibhidh Camshron, san t-Iuchar. Ach thuirt Nas Fheàrr Còmhla gun robh iadsan air aontachadh ri STV gur e an seann Sheansalair Làbarach, Mgr Darling, a dheadh an aghaidh Mhgr Salmond.

Thàinig còmhraidhean gu stad, agus dh'fhàg Nas Fheàrr Còmhla air a' chraoladair, a tha stèidhichte ann an Glaschu, gun do bhris iad an t-aonta mun 5mh là den Lùnastal.

Ach thàinig an dà thaobh mun bhòrd a-rithist agus dh'aontaich iad ceann-là.

Ponsonby

"Ghabh sinn ris a' chuireadh seo o chionn seachdainean, agus tha sinn fìor-thoilichte gu bheil Alasdair Darling a-niste air an aon rud a dhèanamh, 's gun do ghabh e ris an dùbhlan a bhith a' deasbad leis a' Phrìomh Mhinistear beò air an TBh, mu choinneimh an luchd-bhòtaidh," thuirt labhraiche don iomairt Bu Chòir Alba.

"Bidh Mgr Darling na sgiath don Phrìomhaire - air an iarr sinn fhathast deasbad a chumail - agus mar sin, bidh e a' dìon phoileasaidhean Tòraidheach an riaghaltais aig Daibhidh Camshron."

Thuirt labhraiche do Nas Fheàrr Còmhla: "Tha sinn fìor-thoilichte gum bi deasbad beò air an telebhisean eadar ceannardan an dà iomairt.

"Bidh aig Mgr Salmond a-niste, fa dheòidh, ri ceistean mun Not, peinnseanan agus seirbheisean poblach, a tha e air seachnadh fad dà bhliadhna, a fhreagairt."

Mairidh an deasbad fad dà uair de thìde, le deasaiche poileataigeach STV Bernard Ponsonby air a cheann.

Thèid a chraoladh air beulaibh luchd-amhairc sam bi 350 duine, aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile