Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Posta Rìoghail

Tha buill-pàrlamaid a' càineadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun dòigh anns an deach am Posta Rìoghail a reic ris an roinn phrìobhaidich. Tha Comataidh Thaghte a' Ghnothachais den bheachd gun do chaill luchd-pàighidh nan cìs cho mòr ri £1bn air an aonta, leis nach do thuig an riaghaltas luach nan earrainnean agus gun do ghabh iad droch chomhairle. Thuirt an riaghaltas gu bheil e soirbh gu leòr a-niste a bhith ag ràdh sin an dèidh làimh.

Danny Alexander

Tha Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' mealladh dhaoine ron referendum air neo-eisimeileachd le an tomhas air teachd-a-steach ola a' Chuain a Tuath. Chuir Mgr Alexander litir gu Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, agus an Oifis air a bheil Cùram a' Bhuidseit, ag ràdh nach bi teachd-a-steach na h-ola cho mòr 's a tha dùil. Thuirt Mgr Salmond nach eil an tomhas sin ach a' dèanamh dealbh a tha fada ro dhubhach.

Linne Mhoireibh

Dh'innis a' chompanaidh chumhachd SSE gun tug riaghladair a ghnìomhachais, Ofgem, cead do chàball mòr dealain eadar gach taobh de Linne Mhoireibh eadar Gallaibh agus Moireibh. Cosgaidh am pròiseact mu £1.2bn agus tha dùil gum bi an càball stèidhte ann an 2018. Thuirt SSE gun toir an ceangal cumhachd ath-nuadhachail do thuilleadh luchd-cleachdaidh aig prìs nas saoire.

Tidsear

Chuala cùirt ann an Leeds gu bheil deugaire a' gabhail coire airson bàs mì-laghail an tidsear sgoile, Ann Maguire. Thuirt luchd-lagh dhan deugaire, a tha 16, nach e aideachadh a tha sin ri murt. Cha deach tagradh sam bith a dhèanamh agus tha a' chùis lagh ri tòiseachadh ann an t-Samhain. Chaidh a' Bh. Maguire, a bha 61, a marbhadh le ionnsaigh sgeine aig Colaiste Corpus Christi ann an Leeds anns a Ghiblein.

Bòrd Slàinte

Tha gearainean ann an Uibhist nach eil Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' toirt feart air an trioblaid a th' aig muinntir na sgìre a' frithealadh sheirbheisean slàinte air tìr-mòr. Tha boireannaich ann an Uibhist a' faighinn fios airson a dhol gu clionaig Seirbheis Sgrùdaidh Broillich ann an Inbhir Nis Diluain, là nach eil freagarrach idir an dèidh lùghdachadh air seirbheisean adhair eadar Beinn na Fadhla agus Inbhir Nis.

Plèanaichean

Tha Riaghaltas na h-Alba a' gluasad air adhart le am plana airson dà itealan ùr a cheannach a bhios a' ceangal Bharraigh, Tiriodh agus Ceann Loch Chille Chiarain ri Glaschu. Tha an riaghaltas ag iarraidh tairgse an-dràsta bho chompanaidhean a thogadh an dà phlèan airson nan slighean sin, air a bheil òrdugh PSO mar sheirbheisean poblach. Tha a' chùmhnant le Loganair a' tighinn gu ceann an ath-bhliadhna agus tha an riaghaltas ga gabhail thairis.