Comann Lagha na h-Alba a' lorg fhreagairtean
- Published
Le beagan is dà mhìos ri dhol ron referendum air neo-eisimeileachd, tha Comann Lagha na h-Alba ag ràdh gu bheil ceistean cudromach mu àm ri teachd na h-Alba fhathast rim freagairt.
Tha a' bhuidheann phroifeiseanta a tha a' riochdachadh luchd-lagha na h-Alba ag iarraidh tuilleadh susbaint on dà thaobh san deasbad.
Chaidh iarraidh air an iomairt Bu Chòir, a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd, barrachd fiosrachaidh a thoirt do dhaoine mun eaconamaidh, airgead agus ballrachd anns an Aonadh Eòrpach.
Thathas ag iarraidh air Nas Fheàrr Còmhla, a tha ag ràdh gum biodh soirbheachas a bharrachd san amharc mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, innse cuin a dheadh cumhachdan a bharrachd a sgaoileadh a dh'Alba.
Thuirt an Comann gu bheil iad "gu tur neo-phàirteach san deasbad".
Ceistean cudromach
Thuirt Ceann-Suidhe a' Chomainn, Alasdair Morris: "Tha e deatamach gu bheil am fiosrachadh ceart aig a h-uile duine, a leigeas le gach neach fa leth an inntinn a dhèanamh suas gus toradh cinnteach a choileanadh aig a' cheann thall.
"A dh'aindeoin mòran deasbaid, Pàipear Geal tomadach, aithisgean a' choimisean airson fèin-riaghlaidh, pàipearan anailis agus dreach de Bhile Neo-eisimeileachd, tha mòran daoine fhathast den bheachd gu bheil ceistean cudromach mu àm ri teachd na h-Alba fhathast rim freagairt.
"Tha mì-chinnt ann fhathast mu ghnothaichean bunaiteach leithid dè an t-airgead a bhiodh aig Alba, ballrachd san AE, mar a shoirbhicheadh ar eaconamaidh agus dè na cìsean a bhiodh againn ri phàigeadh.
"Tha ceistean cuideachd ann fhathast mu ciamar a dh'fhaodadh agus a dheadh tuilleadh chumhachdan a sgaoileadh a dh'Alba nan deadh bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd."
Cumhachdan a bharrachd
Anns an t-Samhain 2013, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Pàipear Geal gus planaichean an SNP airson Alba neo-eisimeileach a chur an cèill.
Aig a' cheart àm, tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib-Deamaich air a bhith a' tabhann cumhachdan a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba, ma 's e is gun bhòt Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd.
Ged a tha na diofar phàrtaidhean air co-fhoillseachadh gun deadh cumhachdan a bharrachd a sgaoileadh, chan eil iad fhathast air aontachadh còmhla gu dè dìreach na cumhachdan a bharrachd a bhiodh an sin.
Anns a' phàipear a chaidh fhoillseachadh le Comann Lagha na h-Alba, mu àm ri teachd na h-Alba, chaidh argamaid a chur air adhart gu bheil freagairtean fhathast a dhìth on dà thaobh san deasbad. Nam measg, tha:
- Dè a bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh do bhallrachd na h-Alba san Aonadh Eòrpach agus buidhnean eadar-nàiseanta eile?
- An cuireadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic ri Alba neo-eisimeileach a bhith a' sireadh ballrachd san AE?
- Dè na planaichean tuiteamais a th' aig Riaghaltas na h-Alba mura bi còmhraidhean deiseil ron 24mh là den Mhàirt 2016, an deit a thathas air ainmeachadh airson neo-eisimeileachd?
- Dè an raon-ama a bhios mu choinneimh nan tuilleadh chumhachdan a tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib-Deamaich a' tabhann?
- Gu dè an ìre a tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib-Deamaich deònach aontachadh air cumhachdan a bharrachd?
- Dè na planaichean tuiteamais a th' ann mura gabh Riaghaltas na RA ri aonadh-airgid eadar Alba neo-eisimileach agus an còrr den RA?
Dh'iarr Comann Lagha na h-Alba cuideachd tuilleadh fiosrachaidh mu dè an seòrsa buaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air laghan na h-Alba, agus mar a tha siostaman lagha na dùthcha ag obrachadh.
Ballrachd san Aonadh Eòrpach
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gun gabh ballrachd fhaighinn do dh'Alba anns an AE eadar a' bhòt airson neo-eisimeileachd san t-Sultain agus deit neo-eisimeileachd 18 mìosan an dèidh sin.
Tha Riaghaltas na RA ge-tà air ag ràdh gum faodadh còmhraidhean dhen leithid bliadhnaichean a thoirt, 's nach eil gealltanas gum faigheadh Alba ballrachd idir.
Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a ràdh roimhe nach cuireadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an ainm ri aonadh-airgid fhoirmeil le Alba neo-eisimeileach.
Thuirt e nach eil "adhbhar laghail sam bith" a bhiodh an còrr den Rìoghachd Aonaichte airson an not a cho-roinn le Alba neo-eisimeileach.
Ged a chuir ceannardan nan Làbarach 's nan Lib-Deamach taic ri beachd an t-Seansalair, tha ministearan Albannach fhathast a' cumail a-mach gum biodh e gu maith an dà chuid Alba agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, aonadh-airgid a bhith eatorra.
Thuirt Nas Fheàrr Còmhla gu bheil iad a' cur fàilte air mar a tha buidheann cho cliùiteach ri Comunn Lagha na h-Alba a' faicinn cho fann, nam beachdsan, 's a tha na h-argamaidean airson neo-eisimeileachd.
Ach tha Lawyers for Yes, buidheann a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd, ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air mòran mìneachaidh a dhèanamh air na molaidhean aca sa Phàipear Geal na h-Alba, ann am Bile Neo-eisimeileachd na h-Alba agus nan co-chomhairleachadh airson dreach eadar-amail de Bhun-reachd na h-Alba.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 13 An Gearran 2014
- Published
- 26 An t-Samhain 2013
- Published
- 16 Am Faoilleach 2014