Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Israel

Tha ionnsaighean Israelach air Gàsa a' sìor a dhol air adhart airson an t-seachdamh là, le itealain cogaidh agus gunnaichean mòra, a dh'aindeoin iarrtas eadar-nàiseanta airson sìth. Tha a' bhuidheann Phalaistinianach, Hamas, cuideachd a' losgadh rocaidean air Isreal. Thuirt an Riaghaltas Palaistinianach gun deach còrr is 170 duine a mharbhadh bhon a thòisich Israel air na h-ionnsaighean ùr an t-seachdain seo chaidh.

Dìon

Bidh fiosrachadh aig a' Phrìomhaire Daibhidh Camshron an-diugh mun dòigh anns an tèid £1bn a chur ri dìon na dùthcha. Bidh tuilleadh taic ann dha na feachdan sònraichte agus teicneòlas ùr an aghaidh cunnart bho cheannairc. Tha na Làbaraich a' faighneachd an e airgead ùr a tha seo, neo airgead a bha anns a' bhuidseat mar-thà.

Cumhachd

Thuirt Ombudsman na Cumhachd gun tàinig àrdachadh mòr air an àireamh ghearainean a fhuair iad mu na companaidhean cumhachd. Rinn còrr is 22,000 luchd-cleachdaidh gearain anns na sia mìosan bho thoiseach na bliadhna seo, àireamh nas motha na bh' ann fad na bliadhna an-uiridh. Bha a' mhor-chuid a' gearain air prìsean agus mun ùine a thug e a' gluasad bho aon chompanaidh gu companaidh eile.

Ionnsaigh

Thuirt poilis ann an Dùn Èideann gu bheil iad den bheachd gur e oidhirp air murt a dhèanamh a bh' ann an ionnsaigh air seann bhoireannach an t-seachdain seo chaidh. Chaidh ionnsaigh le sgian a' thoirt air a' bhoireannach, a tha 85, na dachaigh ann an Morningside, Dihaoine seo chaidh, agus tha i fìor ìosal ann an Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann.

Costa Concordia

Thòisich oidhirp anns an Eadailt air an t-soitheach, Costa Concordia, a thogail, dà bhliadhna an dèidh dhith a dhol air sgeir far Eilean Giglio, le call 32 duine. Tha an sgioba sàbhalaidh an dòchas a togail le tancaichean mòra adhair, mus tèid a toirt air falbh airson a briseadh às a chèile.

Goilf

Chaidh innse an-diugh gun till Farpais Ghoilf na h-Alba gu ruige Caisteal Stiùbhart faisg air Inbhir Nis ann an 2016. Chaidh an fharpais a chumail aig a' chùrsa airson trì bliadhna, suas chun an-uiridh, nuair a ghluais i a dh'Obar Dheathain.