Kerry ga h-ullachadh fhèin
- Published
Tha an luth-chleasaiche Kerry Nic a' Phì, à Uibhist a Deas, ag ràdh gum bi i deiseil airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis, a dh'aindeoin 's mar a thàinig oirre ùine a chur seachad anns an ospadal às dèidh dhith a bhith air a goirteachadh.
Cha do shlànaich lotan a fhuair i nuair a thàinig i far a baidhsagal le cungaidhean-leigheis antibiotic.
Fhuair i a-mach às an ospadal meadhan na seachdain seo chaidh, às dèidh dhith a dhol ann Là na Sàbaid.
Dh'fhàg sin nach deach aice air uimhir de thrèanadh a dhèanamh bho chionn ghoirid, ach tha i fhathast an dùil pàirt a ghabhail ann am farpais eile an t-seachdain seo.
Geamaichean Ghlaschu
Tha a h-aire cuideachd gu mòr air Geamaichean a' Cho-fhlaitheis, far a bheil i gu bhith an lùib sgioba rothaireachd-beinne nam ban.
'S ann mar triathlete a fhuair Kerry, a thogadh ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas, cliù an toiseach, mus do ghluais i gu rothaireachd a-mhàin.
"Tha mi air a bhith gu math sgìth fad na bliadhna seo - math dh'fhaodte gur e rud math a th' ann gu bheil cothrom agam fois a ghabhail an-dràsta, 's bidh mi fresh agus deiseil airson falbh aig na geamaichean," thuirt i.
'S i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a ghabhas pàirt ann an Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.
Tòisichidh na geamaichean air an 23mh den Iuchair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 12 An t-Ògmhios 2014