Ìlich às aonais seirbheis fòn-làimhe
- Published
Tha muinntir Ìle fhathast às aonais seirbheis fòn-làimhe bhon chompanaidh Vodafone.
Sguir an t-seirbheis air an eilean o chionn còrr is cola-deug.
Thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre, Ailean Reid, gu bheil daoine air foighidneach fada gu leòr.
Tha 17 làithean on a sguir crann na Cille ann an ceann a tuath Ìle ag obair, 's iadsan aig a bheil fòn-làimhe bho Vodafone air a bhith às aonais siognal on uair sin.
Thuirt a' chompanaidh ann am brath-naidheachd gun robh iad duilich, ach gun robh trioblaidean aca leis a' cheangal dhan lìonra.
Tha luchd-einnseanaraidh air a bhith ag obair aig làraich ann an Ìle agus ann am Muile, far a bheil an siognal às Ìle a' ceangal a-steach.
Thuirt BP Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, nach b' urrainnear gabhail ri suidheachadh mar seo san là a th' ann, 's gum feum Vodafone trioblaidean dhe leithid a chur ceart nas luaithe.