Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Iuchar 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crathadh Chaibineit

Chaill Mìcheal Gove a dhreuchd mar Rùnaire an Fhoghlaim ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. San atharrachadh a tha Daibhidh Camshron a' toirt air a' chaibineat, bidh Mgr Gove a-niste na Àrd-Chuip ann an Taigh nan Cumantan, agus 's i Nicky Morgan, a bha na ministear, a bhios na Rùnaire ùr an Fhoghlaim. Tha Philip Hammond, an Rùnaire Dìon a bh' ann, a' gabhail àite Uilleim Hague mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèine.

Rèat na h-Atmhorachd

Bha àrdachadh ris nach robh dùil ann an rèat na h-Atmhorachd. Ged a tha i fhathast nas lugha na a' 2% air a bheil Banca Shasainn ag amas, bha an rèat anns an Ògmhios suas gu 1.9% bho 1.5% anns a' Chèitean.

Mosgo

Chaidh deichnear a mharbhadh ann an tubaist air an rèile fon talamh ann am Mosgo. Chaidh còrr is 100 duine a leòn nuair a chaidh trèana far na rèile aig an àm as trainge den mhadainn.

Gàsa

Ghabh Riaghaltas Israel ri plana na h-Èipheit airson sìth ann an Gàsa. Thuirt fear de cheannardan Hamas ge-tà, nach eil iad deònach gabhail ris na molaidhean sin, agus thuirt Israel gun do loisg Hamas trì rocaidean air Israel an dèidh 09:00m an-diugh, an ceann-ùine a bha na h-Èipheitich a' moladh airson fois-fòirneirt.

Libia

Tha Riaghaltas Libia a' beachdachadh air taic eadar-nàiseanta iarraidh airson stad a chur air sabaid eadar buidhnean mailisi. Tha an t-sabaid air port-adhair a' phrìomh bhaile, Tripoli, a dhùnadh.

Port-fànais

Thèid ochd àiteachan ainmeachadh an-diugh far am faodadh a' chiad phort-fànais ann am Breatainn a bhith stèidhichte. Tha sia làraichean an Alba air an liosta: Cinn Lois, Inbhir Lòsaidh, Machaire Shànais, Luachair, Preastabhaig, agus Steòrnabhagh.

John Milne

Chaochaill an craoladair-naidheachd Albannach, John Milne. Bha e 72. Rugadh agus thogadh e ann an Dùn Dè. Dh'fhàg e am BBC ann an 2007 an dèidh dreuchd fad 40 bliadhna.