"Cha b' ann air Alba" a bha Juncker a-mach

Jean-Claude Juncker aig a' Phàrlamaid Eòrpach Image copyright EPA
Image caption Thuirt Ceann-Suidhe ùr a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, nach tig leudachadh air an Aonadh Eòrpach anns na còig bliadhna ri teachd.

Dh'innis Ceann-Suidhe ùr a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, nach b' ann air Alba a bha e a' bruidhinn idir, nuair a thuirt e nach tigeadh leudachadh air an Aonadh Eòrpach anns a' chòig bliadhna a tha romhainn.

Dh'adhbharaich na thuirt e sa Phàrlamaid Eòrpaich na h-uimhir de throimhe-chèile a thaobh iomairtean an referendum ann an Alba.

Bha an iomairt Nas Fheàrr Còmhla air a ràdh gun robh beachd Mhgr Juncker na dhearbhadh gum biodh a' fàgail na RA cuideachd a' ciallachadh a bhith a' fàgail an AE.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, nach b' ann a' bruidhinn air Alba a bha Mgr Juncker air dhòigh sam bith.

Dhearbh labhraiche do Mhgr Juncker às dèidh làimhe, 's e ag ràdh gur e "gnothach fa leth a bh' ann an neo-eisimeileachd na h-Alba, agus gum biodh spèis aige ri toradh an referendum."

Òraid

Thug Mgr Juncker seachad òraid don Phàrlamaid Eòrpaich air thoiseach air a' bhòt a dhearbh esan mar Cheann-Suidhe ùr a' Choimisein Eòrpaich.

Thuirt e gun robh an AE air meudachadh gu clis, gu 28 ball, agus gun robh feum air "briseadh sa mheudachadh".

Dh'innis e do na BPE: "Thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, cha tèid gabhail ri iarrtas sam bith o dhùthaich a th' airson a bhith na ball den Aonadh Eòrpach.

Tha Albàinia, Innis Tìle, Am Monadh Neagrach, Serbia, An Tuirc agus Masadònia uile nan tagraichean airson ballrachd san AE.

Ballrachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gum faighear ballrachd san AE taobh a-staigh 18 mìosan ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd anns an referendum san t-Sultain, leis gu bheil Alba mar-thà na pàirt den AE, leis gu bheil Breatainn na ball.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ge-tà, gum feumadh Alba neo-eisimeileach tagradh às ùr a dhèanamh airson àite san AE.

Tha ministearan na RA air a ràdh nach eil barantas gum faighear ballrachd san AE, 's gum faodadh gun toireadh e bliadhnaichean mòra sin fhaighinn.

Thuirt am BPA Làbarach Jackie Bailie, a tha an lùib na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla: "Tha e a-nis soilleir, nam fàgadh sinn an RA, bhiodh sinn a' fàgail an AE.

"Chuireadh sin na mìltean de dh'obraichean Albannach ann an cunnart agus dhèanadh e milleadh mòr nar dùthaich.

"O chionn cola-deug, thuirt Ailig Salmond gun robh e airson còmhraidhean a chumail le Mgr Juncker, ach an-diugh chan eil teagamh nach bi e a' cur às a leth gu bheil e ceàrr no a' feuchainn ri eagal a chur air daoine.

"Chan urrainnear coiseachd air falbh o na buannachadan a tha a' tighinn o bhallrachd san AE, dìreach gus an tèid aig an SNP air am miannan poileataigeach a choileanadh," thuirt i.

Meas

Thuirt fear-labhairt dhan Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, "nach b' ann a' bruidhinn air Alba" a bha Mgr Juncker "air dhòigh sam bith", agus gur ann air dùthchannan taobh a-muigh an AE, 's a bh' air tagraidhean a chur a-steach airson ballrachd, a bha e a' bruidhinn.

"Chan eil sinne mar aon de na dùthchannan air a bheil e a-mach," thuirt e. Thuirt e cuideachd gun robh e "thar an deasbaid gu bheilear mar phàirt den AE".

An t-seachain seo chaidh, thuirt Mgr Juncker gum biodh "spèis aige do thoradh referendum na h-Alba".

Thuirt seann Cheann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, sa Ghearran gum faodadh e a bhith do-dhèanta do dh'Alba ballrachd a chosnadh san AE.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile