Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Tha dùil ris na mìltean dhaoine ann an Steòrnabhagh agus Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh Diciadain.
Tha an fhèis air a bhith a' dol airson 19 bliadhna, 's i a' cur còrr is £1m ris an eaconamaidh ionadail gach bliadhna.
Bidh cha-mhòr 40 seinneadair is luchd-ciùil ri fhaicinn air an dà phrìomh àrd-ùrlar air beulaibh Chaisteal Steòrnabhaigh, a thuilleadh air na bhios a' cluiche ann an ionad ealain An Lanntair sa bhaile.
Bidh na cuirmean-ciùil mòra a' tòiseachadh oidhche Ardaoin le leithid na Levellers, Big Country agus Donaidh Rothach ri fhaicinn thar nam beagan làithean ri thighinn.
Tha mòran a' dol air iomall na fèise cuideachd, le tachartasan a' dol taobh a-muigh Steòrnabhaigh.
Am-bliadhna, bidh na Levellers, à Brighton, am measg na bhios an làthair.
Tha an còmhlan 'folk-rock' air a bhith a' cluiche còmhla airson 25 bliadhna.
Thòisich Breabach a' cluiche còmhla ann an 2005. Chaidh an cur air adhart 'son na duaise airson a' 'chòmhlain as fheàrr' aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta Radio 2 na bliadhna seo.
An-uiridh, choisinn iad an duais airson a' chòmhlain bheò as fheàrr aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta na h-Alba.
Bidh an t-seinneadair-sgrìobhadair Willie Campbell a' seinn cuide ri Open Day Rotation, còmhlan à Leòdhas anns am bi suas ri 15 ceòladairean a' cluiche.
Bha Willie, à Tolastadh ann an Leòdhas, roimhe mar phàirt de na còmhlain Astrid agus The Reindeer Selection.
Chaidh Donnchadh Siosal ainmeachadh roimhe mar aon de na fìdhlearan Albannach as fheàrr riamh.
O chionn ghoirid, chaidh ainm a chur air adhart airson duaisean aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta Radio 2.
Anns an Ògmhios, chaidh ainmeachadh mar thosgaire Fèis Cheilteach Innse Gall.
Choisinn am Misha MacPherson Trio duais aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta Radio 2 na bliadhna seo.
Rugadh is thogadh Misha, a tha na seinneadair agus clàrsair, ann an Sanndabhaig ann an Leòdhas.
'S e buidheann de sheinneadairean is luchd-ciùil òga às na Hearadh a th' ann an Ceòl na Cloinne.
Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh o chionn ochd bliadhna, tro sheirbheis Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd Chomhairle nan Eilean Siar, gus cothrom a thoirt do dh'òigridh seiseanan ciùil a chumail còmhla.
Bidh an Fhèis a' ruith airson ceithir làithean, a' crìochnachadh oidhche Shathairne.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2014
- Air fhoillseachadh18 An t-Iuchar 2014
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2014